News imageGruth is Uachdar, Gruth is Uachdar, 6: Partaidh na Nollaige

Gruth is Uachdar

Gruth is Uachdar

6: Partaidh na Nollaige

19 December 2025

18 minutes

Available for over a year

Ann an 2025 bha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair ‘s an sgrìobhaiche Fionnlagh Iain Dòmhnallach, Finlay J.

A thuilleadh air mòran phrògraman radio ‘s telebhisean, agus leabhraichean, dh’fhàg Finlay J clàradh de sheanchas mu bheatha ann am Beurla againn air a bheil Crowdie and Cream agus tha Iain Urchardan is Annella NicLeòid air eadar-theangachadh a dhèanamh air do Radio nan Gàidheal.

Tha Gruth is Uachdar air a leughadh le Iain Urchardan agus air a riochdachadh le Annella NicLeòid.

Tha an t-seinn 's an ceòl le Fionnlagh Dòmhnallach, mac Finlay J.