Riaghaltas na h-Alba "bho thùs" airson maoin aiseig a leudachadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail gun robh Riaghaltas na h-Alba bho thùs airson Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach a leudachadh a-mach gu barrachd eileanan.
Bha Fiona Hyslop a' bruidhinn is i a' freagairt cheistean mu sheirbheisean aiseig ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba sa Ghiblean an-uiridh gum biodh sgeama £4.4m ann do ghnothachasan a bh' air droch bhuaidh fhaireachdainn ri linn trioblaidean aiseig.
Dh'fhosgail e as t-samhradh do ghnothachasan ann an Uibhist, Arainn agus an Colbhasa.
Ach bha connspaid ann air a' mhìos a chaidh nuair a chaidh an sgeama a leudachadh gu eileanan eile leithid Bharraigh, Mhuile is Thiriodh is cothrom aca air tagradh a dhèanamh chun an 12mh den Fhaoilleach.
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba aig an àm gun deach còrr is £1m a thoirt seachad sa chiad phàirt den sgeama is gun robh iad ga fosgladh agus ga leudachadh gu eileanan eile.
Gearan à Uibhist nach tugadh seachad ach cairteal de mhaoin aiseig
- Air fhoillseachadh16 An Dùbhlachd 2025
Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach air a leudachadh
- Air fhoillseachadh8 An Dùbhlachd 2025
Sgeama taic do ghnothachasan eileanach ga fosgladh
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2025
Chuir seo an caothach air cuid ann an Uibhist ge-tà, is iad ag ràdh gun robh iadsan an dùil gun tigeadh an taic gu lèir dha na h-eileanan a bha sa chiad phàirt den sgeama.
A' freagairt ceist aig Holyrood Dimàirt bhon BhPA Lib Deamach Jamie Greene, thuirt Fiona Hyslop gun robh an riaghaltas an-còmhnaidh airson a' mhaoin a leudachadh.
"Tha sinn air an sgeama a leudachadh mar a dh'innis sinn aig deireadh na bliadhna an-uiridh," thuirt a' Bh-Ph Hyslop.
"Bha sinn bho thùs airson leudachadh a thoirt air nam b' urrainn dhuinn.
"Bha e ceart gun robh fòcas sa chiad dol a-mach air an fheadhainn as motha a dh'fhuiling ri linn troimh-chèile air na h-aiseagan agus sin as coireach gun d' fhuair na h-eileanan sin taic sa chiad phàirt den sgeama."
CalMac a' sireadh airgid-dìolaidh 'son cosgaisean càraidh
- Air fhoillseachadh7 An t-Iuchar 2025
Cosgaisean càraidh aig CalMac a sìor èirigh
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2023
Cosgaisean càraidh còrr is £1m air aiseag ùr Arainn a rèir nan Tòraidhean
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Bha am BPA Làbarach Katy Clark cuideachd air ceist a chur air Rùnaire na Còmhdhail a thaobh mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèiligeadh ri cosgaisean nas àirde a tha a' tighinn air CalMac gus aiseagan a chumail aig ìre is a chàradh.
Thuirt Katy Clark gu bheil aithrisean ag ràdh gu bheil na cosgaisean sin air dùblachadh.
Thuirt i gu bheil e soilleir gur e as coireach nach robh an riaghaltas air barrachd aiseagan ùra fhaighinn thairis air iomadh bliadhna is a' chabhlach a' sìor fhàs sean.
Chaidh am BPA Tòraidheach Sue Webber nas fhaide is i ag ràdh gur e "sgainneal nàiseanta" a th' ann.
Fhreagair Fiona Hyslop gur e obair riatanach a tha seo a thaobh slàinte is sàbhailteachd is gu bheil Riaghaltas na h-Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh air barrachd airgid a thoirt seachad gus an cabhlach a chumail aig ìre fhad 's a tha bàtaichean ùra gan togail.
Thuirt i cuideachd fo chùmhnant ùr nan aiseagan gum bi obair a bharrachd ga dèanamh air bàtaichean a thuilleadh air an t-seirbheis bhliadhnail àbhaistich, ann an oidhirp trioblaidean ris nach robh dùil a lùghdachadh.
"Tha CalMac aig ìre thràth a thaobh mar a bhios am plana seo ag obair is bidh iad a' conaltradh le coimhearsnachdan anns na seachdainnean is mìosan ri tighinn," thuirt i.