Beatha às ùr do Thaigh Mòr Ulbha

- Air fhoillseachadh
Eilean beag bìodach. Taigh a' tuiteam às a chèile. Agus dithis Astràilianach le plana mòr.
Tha Banjo & Ro's Grand Island Hotel a' leantainn an dealbhaiche agus an duine aige ann an sreath ùr do BhBC Scotland 'son a' phròiseict as motha a bha a-riamh aca – taigh-mòr air Eilean Ulbha a dhèanamh an-àirde gu bhith na thaigh-òsta tarraingeach.
Tha Eilean Ulbha far chosta Mhuile agus 's e aon de na h-eileanan as lugha air a bheil daoine a' fuireach air costa siar na h-Alba.
Leis a' sin, tha iomadh dùbhlan mu choinneimh Banjo is Ro is iad air ùr-ghluasad chun an àite.
Tro na prògraman, gheibh sinn sealladh air na suidheachaidhean deuchainneach a thig nan aghaidh agus iad a' dèiligeadh ri duilgheadasan a thaobh obair togail agus dealbhachaidh ann an àite a tha car duilich faighinn thuige.
Rinn iad aonta seann taigh an uachdarain a ghabhail os làimh, a dhèanamh an-àirde, fuireach ann, agus taigh-òsta a dhèanamh dheth.

'S e an t-amas aca fuireach ann an àite air leth, tuarastal fhaighinn bhuaithe agus airgead a chur air ais dhan choimhearsnachd.
Sin am plana. Ach tha fìrinn na cùise rud beag nas... uill, luidich!
"'S e seo an dùbhlan às motha a-riamh againn agus an obair ga dèanamh leis an fhear as miosa dhan do dh'obraich mi ron seo – mi fhìn!" thuirt Banjo.
"Tha sinn air a dhol às ar ciall. Tha sinn a' dol a dh'fheuchainn ri ath-bheòthachadh a thoirt air an togalach.
"Chan eil ach sia duine deug a' fuireach san eilein, chan eil rathaidean ann agus chan eil càil a dh'fhios agam ciamar a thèid leinn.
"'S e plana dàna a tha seo – le poll gu leòr. Bidh meanbh-chuileagan ann, sinne a' call ar n-inntinn, agus tha mi an dòchas mìorbhail no dhà."

A' cumail taic ri Banjo, tha a chèile Ro.
Fhuair e fhèin an gnothach car dùbhlanach cuideachd.
"Bha dùil agamsa gun robh sinn a' dol a thighinn an seo airson beatha shàmhach - an ath rud, tha mi suas gu mo ghlùinean ann an salchar is a' ruith às deidh nam mucan 'son am faighinn a-mach às an taigh.
"Agus air dhòigh air choireigin, tha mi an urra ri chandelier criostal bho 1855 a lorg.
"Tha Banjo ag ràdh gur e plana lèirsinneach a th' ann. Tha mise den bheachd gum bi e nas coltaiche gum bi dealachadh-pòsaidh ann."
Dhan chupal seo, chan e a-mhàin deuchainn a th' ann air na sgilean dealbhachaidh aca.
'S e dùbhlan làn-chridhe a th' ann, gus ath-bheòthachadh agus beatha às ùr a thoirt do dh'eilean bheag Ulbha.
Tòisichidh Banjo & Ro's Grand Island Hotel oidhche Luain air BBC Scotland agus tha an sreath gu lèir ri fhaighinn iPlayer a' BhBC.