Beachdan gan sireadh mus stèidhichear buideat CnES

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh bheachdan a' phobaill air thoiseach air foillseachadh a' bhuidseit aca airson na bliadhna-ionmhais a tha romhainn.
Faodar suirbhidh a lìonadh air-loidhne ag innse mar a bu chòir don Chomhairle am buidseat aca a dhealbh.
Thug gearraidhean buaidh mhòr air buidseat na Comhairle thairis air a' bheagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
Thug iad rabhadh seachad san Fhaoilleach an-uiridh gur e a' bhliadhna-ionmhais seo fhèin an tè mu dheireadh anns am faigheadh iad air beàrnan a lìonadh bhon chùl-stòras aca.
Thèid toraidhean na suirbhidh a chur mu choinneimh chomhairlichean mus coinnich iad sa Ghearran 'son am buidseat a stèidheachadh
Dùinidh mar sin an t-suidhbhidh air an 23mh là den Fhaoilleach.
Coinnichidh buill air an 25mh là den Ghearran airson am buidseat a stèidheachadh.
"Tha an conaltradh poblach seo na phàirt chudromach de phròiseas stèidheachaidh a' bhuidseit," thuirt ceannard na Comhairle, Pòl Steele.
"Bheir co-dhùnaidhean buidseit na Comhairle buaidh nach beag air a h-uile duine sna coimhearsnachdan againn, agus tha e cudromach gum bi an cothrom seo aca beachdan is comhairle a thoirt seachad mus dèanar co-dhùnaidhean deireannach.
"Chuirinn ìmpidh oirbh uile an ùine a thoirt gnothach a ghabhail ris a' phròiseas seo 's an t-suirbhidh, taobh a-muigh a lìonadh air làrach-lìn na Comhairle."