Seann eachdraidh togalach a' BhBC an Inbhir Nis air tighinn am bàrr

A’ chlann ‘s an luchd-teagaisg aig doras-aghaidh na sgoile, le Mgr Bruce fhèin air an làimh dheis.Tùs an deilbh, George Bryce
Fo-thiotal an deilbh,

A' chlann 's an luchd-teagaisg aig doras-aghaidh na sgoile a bh' ann air Rathad Chùil Daothail, is am maighstir-sgoile George Taylor Bruce air an làimh dheis.

  • Air fhoillseachadh

Tha eachdraidh inntinneach air tighinn am bàrr mu fhear de na togalaichean a tha air a bhith aig cridhe craoladh Gàidhlig a' BhBC airson faisg air 50 bliadhna.

Dh'fhàg fear a bha a' ruith sgoil anns an togalach aig 7 Rathad Chùil Daothail an Inbhir Nis deireadh an19mh Linn - 's a chaidh an uairsin na eilthireach a Chanada - eachdraidh-sgrìobhte air a bheatha.

Tha sin dìreach air tighinn am follais an dèidh do dh'iar-ogha dha à Canada tadhal air a' BhBC ann an Inbhir Nis.

Chaidh BBC Highland a stèidheachadh anns an togalach anns na 1970an, ach bha beatha aige mar àite-còmhnaidh, mar sgoil agus mar oifisean a' dol air ais còrr air 100 bliadhna ron sin.

Soidhne BBC Highland taobh a-muigh an togalaich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an togalach air a bhith na dhachaigh dhan BhBC ann an Inbhir Nis bho na 70an

Ghabh am BBC thairis Hill House, mar a chainnte ris aig an àm, bho Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an 1976, nuair a chaidh Radio Highland a stèidheachadh.

Thòisich prògraman Beurla agus Gàidhlig gan cur a-mach às.

Tha e an-diugh trang mar stiùidiothan is oifisean do BBC Naidheachdan, BBC Radio nan Gàidheal, BBC ALBA agus BBC Scotland.

Ach eadar 1894 agus 1902, 's e sgoil a bh' ann ris an cainnte New Glenmoriston College and Preparatory School.

Tha an sgeul air cùl sin air tighinn am bàrr ann an eachdraidh-beatha George Taylor Bruce, am maighstir-sgoile.

Còmhdach de phrospectus na sgoileTùs an deilbh, George Bryce
Fo-thiotal an deilbh,

Prospectus na sgoile

Tha am prospectus a ghlèidh Mgr Bruce tro na bliadhnaichean, agus a tha a-nis aig a theaghlach ann an Canada, a' nochdadh an t-seòrsa sgoile a bh' innte.

Bha na h-igheanan òga a' faighinn teagaisg ann an litreachas na Beurla, eachdraidh Angla-Shasannach, ceòl agus fuaigheal.

Dhan fheadhainn a bu shine, bha deasachadh ann airson deuchainnean Acadamaidh Rìoghail a' Chiùil ann an Kensington, litreachas na Beurla agus cuspair air an robh "Anglo-Saxon."

Nam pàigheadh pàrantan barrachd, bha cuspairean eile rin gabhail, leithid ionnstramaidean-ciùil ionnsachadh ("pianoforte"), Frangais agus Laideann.

George Taylor Bruce agus a bhean Lottie nan suidhe ann an gàrradh na sgoile ann an 1902Tùs an deilbh, George Bryce
Fo-thiotal an deilbh,

George Taylor Bruce agus a bhean Lottie nan suidhe ann an gàrradh na sgoile ann an 1902

Bha Mgr Bruce a' ruith na sgoile còmhla ri a bhean Lottie, agus chùm e dealbhan prìseil bhon àm sin, nach robh sinn air fhaicinn anns an dùthaich-sa chun an seo.

Còmhdach de leabhar George BryceTùs an deilbh, George Bryce

Bhàsaich George Taylor Bruce ann an Canada ann an 1942, ach bha e air eachdraidh a bheatha a sgrìobhadh gu mionaideach agus chuir iar-ogha dha, George Bryce à Bhancùbhar, ri chèile i ann an riochd leabhair dhan teaghlach.

George Bryce ann an stiùidio Aithris na Maidne ann an 7 Rathad Chùil Daothail
Fo-thiotal an deilbh,

George Bryce ann an stiùidio Aithris na Maidne ann an 7 Rathad Chùil Daothail

Thadhail Mgr Bryce air a' BhBC ann an Inbhir Nis bho chionn ghoirid 's e air saor-làithean an Alba.

Bha ùidh mhòr aige na seòmraichean fhaicinn anns an robh a shean-seanair agus a shean-seanmhair a' teagasg agus a' fuireach bho chionn còrr air 100 bliadhna.

Thug e leis leth-bhreac dhen leabhar, nach robh ron seo ach air cuairteachadh am measg sliochd Mhgr Bruce fhèin ann an Canada.

Lottie Bruce anns an t-seann chidsean an 7 Rathad Chùil Duthail. Tùs an deilbh, George Bryce
Fo-thiotal an deilbh,

Lottie Bruce anns an t-seann chidsean an 7 Rathad Chùil Duthail. Chan eil fhios an-diugh caite dìreach an robh e anns an togalach

Cheannaich a shean-seanair an togalach ann an 1894 bho sgoil bheag eile a bh' air a ruith le tè Mrs MacKidd.

Bha cuid de na h-igheanan a' còmhnaidh anns an sgoil agus feadhainn eile a' dol dhachaigh gach oidhche.

Togalach a' BhBC ann an Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

An togalach mar a tha e an-diugh

Tha an t-adhbhar a ghabh Mgr Bruce thairis an sgoil, agus mar a leig e seachad i, inntinneach.

Bha e air a bhith na Reactar air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis eadar 1888 agus 1894, ach chaidh e fhèin agus riaghladairean na h-Acadamaidh thar a chèile agus chaill e a dhreuchd.

Chan eil e ag innse mòran anns an leabhar mu dheidhinn an sgaraidh, ach gun robh beachdan eadar-dhealaichte aige fhèin 's aig na riaghladairean air foghlam.

Ach tha rannsachadh air na seann phàipearan-naidheachd bhon àm a' nochdadh gun robh an suidheachadh nas trom-chùisiche na sin.

Tha e coltach gun deach an Reactar a chur às a dhreuchd às dèidh do Luchd-Sgrùdaidh nan Sgoiltean aithisg a dhèanamh a' gearan gu mòr air staid an fhoghlaim anns an sgoil.

"Damaisteach"

A rèir an sgeòil a nochd anns an Highland News anns an Òg-mhios 1894, bha na riaghladairean dhen bheachd gun robh an aithisg "cho damaisteach agus gun robh iad, air sgàth maith na h-Acadamaidh, dhen bheachd nach bu chòir a foillseachadh".

A dh'aindeoin choinneamhan poblach agus athchuinge a' cur taic ri Mgr Bruce, chaidh a chur às an obair.

Sin nuair a ghabh e thairis sgoil New Glenmoriston air Rathad Chùil Daothail, agus bha e ga ruith suas gu 1902.

Thàinig an uairsin tionndadh mòr na bheatha agus dh'fhàg e an dùthaich airson a dhol na eilthireach a Chanada.

Bha càirdean dha ann an Canada mar thà, agus thadhail e air an dùthaich sin dà uair – fear aca na àidseant inimreachais às leth an Riaghaltais.

Bha e a' fàs sgìth a' ruith na sgoile an Inbhir Nis agus ann an 1904 thog e fhèin air mar eilthireach a Chanada.

Taigh a thog George Taylor Bruce ann an CanadaTùs an deilbh, George Bryce

Do dhuine a bha air a bheatha a chur seachad ann am foghlam, 's e atharrachadh mòr a bha ann a dhol na thuathanach air a' phrèiridh ann an Saskatchewan, a dh'aindeoin gur e tuathanaich a bha air a bhith na chuideachd ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Tha an dealbh gu h-àrd a' sealltainn a' chiad thogalach fiodha a chuir e an-àirde air an fhearann air a' phrèiridh ann an àite ris an cainnte Qu'Appelle.

Ri a thaobh tha bothag bheag cheap a bha aca fhad 's a bha iad a' togail an taighe fhiodha.

Tha meud an atharrachaidh follaiseach anns an leabhar eachdraidh nuair a tha e a' sgrìobhadh gur e "ìobairt mhòr" a bha ann dha an leabharlann pearsanta aige, le còrr air 2,000 leabhar, fhàgail às a dhèidh ann an Alba.