Naidheachdan 11:00m
Grok
Tha companaidh X nam meadhanan-sòisealta aig Elon Musk air pàirt den innleachd a dhùnadh air a' mhòr-chuid den luchd-cleachdaidh an dèidh ghearanan mu ìomhaighean drabasta a bha feadhainn a' cruthachadh leis an inneal AI Grok. Bha an Riaghaltas an dèidh iarraidh air Ofcom, riaghladair nam meadhanan, casg a chur air an làraich an dèidh dragh mu chruthachadh ìomhaighean mì-laghail.
Sneachda
Tha còrr is 40,000 dachaigh ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh gun dealan an dèidh Stoirm Goretti. Bha gaoth faisg air 100msu aig amannan ann am pàirtean den iar-dheas agus sneachd trom sa Chuimrigh, am meadhan agus pàirtean de cheann a tuath Shasainn. Tha sin a' toirt buaidh air na h-uimhir de sheirbheisean adhair agus rèile.
Iran
Bhruidhinn àrd-cheannard Iran, Ayatollah Khameini, air telebhisean na Stàite ag iarraidh aonachd agus sìthe. Tha eas-aonta poblach fad cola-deug air leudachadh air feadh Iran le daoine air na sràidean a' cur an aghaidh an Riaghaltais.
Oregon
Tha fireannach agus boireannach san ospadal ann am Portland ann an Oregon an dèidh do dh'oifigich fheadaralach losgadh orra. Thachair sin là an dèidh bàs boireannaich ann am Mineapolis air an do loisg oifigich in-imreachais - rud a dh'adhbharaich togail-fianais air feadh nan Stàitean Aonaichte.
An Ucràin
Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Kyiv gun do caill ceathrar am beatha ann an ionnsaighean mòra Ruiseannach air feadh na h-Ucràin an-raoir. Tha pàirtean mòra den phrìomh-bhaile gun dealan no teas.
An A96
Tha fear de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil coltas nach eil airgead aig Riaghaltas na h-Alba airso seach-rathad an A96 timcheall air Inbhir Narann. Thuirt an neo-eisimeileach Fearghas Ewing gum faca esan pàipearan riaghaltais a thuirt nach eil airgead ann airson a dhol air adhart leis a' phròiseact. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach do dh'atharraich an seasamh air a' phròiseact agus gun do thòisich an obair airson an rathad eadar Inbhir Nis 's Inbhir Narann a dhèanamh dà-fhillte.