Triùir fhireannach air an lorg air an leòn an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis ann an Inbhir Nis a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh triùir fhireannach fhaighinn air an goirteachadh.
Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm chun na làraich air Rathad Bhaile an Lòin mu 08:25m Dihaoine agus thugadh na fir dhan ospadal.
"Fhuair sinn gairm an-diugh a dhol gu tachartas air Rathad Bhaile an Lòin ann an Inbhir Nis," thuirt Ambaileans na h-Alba.
"Chuir sinn na h-uimhir de ghoireasan chun na làraich, dà ambaileans, an sgioba shònraichte againn agus dà aonad grad-fhreagairt nam measg."

Tha Rathad Bhaile an Lòin dùinte eadar Cùirt Bhaile an Lòin agus Slighe Mhorvich fhad 's a tha rannsachadh nam Poileas a' leantainn, 's thathas ag iarraidh air a' phoball an sgìre a sheachnadh.
Faodaidh duine sam bith air a bheil dragh no aig a bheil fiosrachadh bruidhinn ri oifigearan a tha san sgìre, no faodar fòn a chur gu 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 0632 de Dhihaoine an 9mh là den Fhaoilleach.