Feumar sguir de Shealg "bhorb" a' Ghuga a rèir luchd-strì

Na fir ann an Sùlasgeir a' spìonadh nan gugannan
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Sgioba Shùlaisgeir a' spìonadh nan gugannan, gan sailleadh agus gan cur ann am baraillean ann an Sùlasgeir

  • Air fhoillseachadh

Bidh a' bhuidheann Protect the Wild a' togail fianais taobh a-muigh Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann feasgar Disathairne an aghaidh sealg a' ghuga.

Tha sgioba à Nis air a bhith a' dol a Shùlasgeir, eilean beag mu 40 mìle tuath air Eilean Leòdhais, a h-uile samhradh airson nan ceudan bhliadhnaichean far am biodh iad uair a' marbhadh nam mìltean de dh'iseanan sùlaire.

Tha an luchd-iomairt ag argamaid nach eil an cleachdadh a dhìth tuilleadh mar a bha uair airson biadh a chumail ri sluagh a bha bochd.

'S e argamaid nan sealgairean gu bheil e mar phàirt den dualchas aca.

Fireannaich air na creagan ann an Sùlasgeir agus iad ann a' sealg a' ghuga
Fo-thiotal an deilbh,

'S e argamaid nan sealgairean gu bheil an t-sealg mar phàirt den dualchas aca

Ann an agallamh san Scotsman as t-samhradh an-uiridh, thuirt Iain "Dods" MacPhàrlain, a tha air a bhith an Sùlasgeir còrr is 40 turas bho 1974, gum "biodh iad a' dèanamh fiughair a h-uile bliadhna" ris an turas.

Chuir e a' dìon air mar a bhios iad a' marbhadh nan iseanan, ag ràdh gu bheil e luath agus chaidh e às àicheadh gu bheil e an-iochdmhor.

Tha dragh air gu bheil gnàthasan eileanach a' sior dhol à bith.

Ge-tà, tha Protect the Wild agus luchd-glèidhteachais eile ag ràdh nach e "traidisean" a th' ann ach "cleachdadh borb le dìon laghail fhathast".

Sùlairean agus isean sùlaire air creigTùs an deilbh, Getty Images

Feumaidh Sgioba Shùlaisgeir tagradh a chur gu NàdarAlba a h-uile bliadhna gus am faigh iad cead airson na seilge; am-bliadhna cha d' fhuair iad cead ach airson 500 isean a spadadh.

Thuirt a' bhuidheann riaghaltais gun do lùghdaich iad an àireamh bho 2,000 airson fàs a thoirt air na tha na de na h-eòin an dèidh buaidh flù nan eun.

Cha deach an t-sealg air adhart ann an 2020 air sgàth Covid.

Cha motha a chaidh na fir a Shùlasgeir ann an 2022 agus flù nan eun air buaidh mhòr a thoirt air eòin-mhara sna h-Eileanan an Iar agus Hiort, le sùlairean gu sònraichte a' fulang.

A-rithist, ann an 2023 agus 2024 cha deach na fir ann agus dragh mu bhuaidh a' ghalair a' leantainn.

Tha an luchd-glèidhteachais a' toirt cuireadh do dhaoine a dhol còmhla riutha feasgar Disathairne.

"A dh'aindeoin agus gu bheil e follaiseach gu bheil gu leòr den phoball na aghaidh is gu bheil àireamh nan sùlairean ann an Sùlaisgeir a' strì, tha Riaghaltas na h-Alba fhathast a' leigeil leis an t-sealg a dhol air adhart.

"Seallaidh sinn don riaghaltas gu bheil fiadh-bheatha na h-Alba feumach air dìon, chan e balbhachd," thuirt am brath naidheachd aca.

Chuir faisg air 23,000 duine gu ruige seo an ainm ri athchuinge, taobh a-muigh ag iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba ìmpidh a chur air ministearan gun an t-sealg a cheadachadh tuilleadh.