Gugannan gan reic an Nis

Nochd loidhne fhada de dhaoine gus guga a cheannach Disathairne
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Nis air a bhith a' ceannach ghugannan às dèidh dhan t-sealg a bhith ann 'son a' chiad turas bho 2021.
Bhathar gan reic 'son £35 aig Port Nis madainn Disathairne.
Thàinig dearbhadh san Iuchar gun robh NàdarAlba air cead a thoirt do sgioba à Nis a dhol a Shùlaisgeir.
Na chois bha cead suas ri 500 eun a mharbhadh, seach 2,000 mar a bh' ann ann am bliadhnaichean eile.
Cha deach na Nisich a Shùlaisgeir ann an 2020 air sgàth Chovid 19 - a' chiad turas bho dheireadh an Dàrna Cogaidh nach robh sealg ann.
Ged a thill iad ann an 2021, dh'fhàg flù nan eun nach deach an sgioba ann a-rithist gu am-bliadhna.
Coinneach MacLeòid a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan Disathairne
Nuair a chaidh an cead a thoirt seachad, thuirt NàdarAlba gu bheil "an cead ùr seo airson 2025 a' cur dìon air àireamh nan eun agus a' leigeil leotha tilleadh gu ìrean àbhàisteach às dèidh flù nan eun buaidh a thoirt orra".
Bha luchd-iomairt dìon bheathaichean air co-dhùnadh NàdarAlba a chàineadh roimhe is thuirt a' bhuidheann OneKind às ùr gur e "briseadh-dùil uabhasach" a th' ann gun deach an t-sealg air adhart.
Thuirt àrd-oifigear na buidhne, Jason Rose, gu bheil iad air coinneachadh ri manaidsearan NàdarAlba mun chùis is gu bheil iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba "an rud ceart" a dhèanamh is stad a chur air an t-seilg.
Thuirt Mgr Rose gum bi a' bhuidheann ag iomairt an aghaidh cead a bhith air a thoirt seachad an ath-bhliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2025

- Air fhoillseachadh12 An t-Iuchar 2023

- Air fhoillseachadh4 An t-Iuchar 2022

- Air fhoillseachadh21 An t-Sultain 2022
