"An t-amas a th' againn 's e dìreach sluagh a chumail anns an àite"

Calum MacAoidh
Fo-thiotal an deilbh,

Calum MacAoidh a' coimhead air na seallaidhean bho tè dha na taighean aig "Sealladh Scourst"

LeAilean MacLeòid
Fear-naideachd Didseatach, Na Hearadh
  • Air fhoillseachadh

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh air dà thaigh a thogail mar phàirt den obair aca feuch sluagh a chumail anns an sgìre.

Tha taigh ann le dà sheòmar-cadail is fear eile leis na trì ann am Meabhag nam Beann gu bhith ri fhaighinn bhuapa air màl reusanta.

A bharrachd air na taighean a thog iad, tha iad air dà làrach a chur air dòigh ann an Àird a' Mhulaidh le ceangal uisge agus dealain aca mar-tha.

Bidh iad seo ri fhaighinn aig cosgais £10,000 - tòrr na bu shaoire na bhiodh air a' mhargaidh fhosgailte.

Tha na pròiseactan a' feuchainn ri freagairt air fear de na duilgheadasan a bu mhotha a tha aig daoine a tha a' feuchainn ri beatha a dhèanamh dhaibh fhèin anns na Hearadh: gainnead thaighean.

Taigh ùr ann am Meabhag nam Beann

"Tha fhios againn gu bheil an-còmhnaidh iarrtas airson taighean ann an ceann a Tuath na Hearadh, taighean air mhàl," dh'innis iar-chathraiche Urras Ceann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh.

"Tha sinn air rannsachadh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean agus tha buidhnean eile air rannsachadh a dhèanamh cuideachd agus tha fhios againn gu bheil iarraidh ann airson dachaighean.

"Tha e cho cosgail a bhith a' togail thaighean agus tha gu leòr a dhaoine nach eil comasach air taighean a thogail dhaibh fhèin, ach 's e aon de na prìomh amasan a th' aig Urras Ceann a Tuath na Hearadh, gun cùm sinn sluagh anns an àite.

"Cuideachd, mas urrainn dhuinn a dhèanamh idir, gun tàladh sinn barrachd dhaoine a-steach dhan àite bhon a tha àireamh an t-sluaigh a' crìonadh fad na h-ùine agus 's e pàirt den adhbhar airson sin nach eil àitichean aig daoine anns am fuirich iad anns an eilean."

Na taighean air cùl làraidhean
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na taighean a thogail ann am Barraigh agus thoirt dha na Hearadh air cùl làraidhean

Chaidh £700,000 a chosg uile gu lèir air an dà thaigh, eadar a bhith a' ceannach nan làraichean agus na taighean a thogail.

Chaidh an togail ann am factaraidh ann am Barraigh agus an toirt air cùl làraidhean gu ruige ceann a tuath na Hearadh.

Bha an siostam seo "na bu reusanta" na dòighean no companaidhean eile agus dh' fhàg e cuideachd gun deach crìoch a chur air na taighean ann an ùine na bu luaithe na bhiodh le modhan-togail thraidiseanta.

Fhuair an t-urras £270,000 bho Mhaoin Taigheadais Sgìreil Riaghaltas na h-Alba agus £150,000 bhon chompanaidh SSE Renewables, ach thàinig an còrr den airgead bhon stòras aca fhèin.

"Tha na taighean fhèin, tha iad uabhasach tarraingneach," thuirt Calum. "Tha iad brèagha, tha iad seasgair, tha iad blàth.

"Tha sinn uabhasach fortanach, tha mi a' smaoineachadh, gu bheil e comasach dhuinn a bhith a' togail thaighean ann an àitichean den t-seòrsa seo agus a' cumail an t-sluaigh anns na bailtean beaga."

Na làraichean ann an Àird a' Mhulaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dà làrach aig an urras ri reic ann an Àird a' Mhulaidh

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh cuideachd a' feuchainn ri daoine a bhrosnachadh ann a bhith a' togail thaighean dhaibh fhèin le bhith a' reic làraichean a tha deiseil airson obair a thòiseachadh aig prìs £10,000.

Bhiodh na làraichean seo aig cosgais co-dhiù £30,000 air a' mhargaidh fhosgailte agus an còis na prìse nas ìsle tha cùmhnantan a thaobh an ceannach.

Feumaidh an feadhainn a gheibh iad obair-togail a thòiseachadh taobh a-staigh trì bliadhna agus ma tha iad a' reic an taighe no na làraich taobh a-staigh deich bliadhna feumaidh iad pàigheadh an diofar eadar a' phrìs agus an luach air a' mhargaidh-fhosgailte.

Tha cuideachd dleastanas air ge bith cò cheannaicheas na làraichean fuireach anns na taighean an sin mar a' phrìomh thaigh aca - chan urrainear cleachdadh airson làithean-saora no a chur a-mach air màl phrìobhaideach.

Mar a tha na taighean ann am Meabhag nam Beann, tha na làraichean seo mar fhreagairt air an aon duilghdeas.

"An t-amas a th' againn 's e dìreach sluagh a chumail anns an àite agus cuideachadh, gu h-àraidh le daoine òga a tha ag iarraidh fuireach anns an àite."

Sealladh farsaing air Meabhag nam Beann.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na taighean ann am Meabhag nam Beann ri fhaicinn cho luath 's a thig thu timcheall an luib san rathad.

Chan eil na taighean buileach deiseil airson luchd-còmhnaidh fhathast, tha feum air beagan obair-phàipear fhaighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar mus faigh daoine cothrom fuireach annta.

Bidh an uairsin aig daoine ri iarrtasan a chur a-steach don urras airson nan taighean, mar a bhiodh le taighean sòisealta mar eiseimpleir.

Tha dòchas ann gum bi dà theaghlach ùr a' fuireach am Meabhag nam Beann ro dheireadh an t-samhraidh.