Innis Tìlis is a' Ghàidhlig – fo chunnart mòr na Beurla

Alasdair MacLeòid is e air a ragadh leis an fhuachd ann an Innis Tìle
LeAlasdair MacLeòid
EòrpaAg aithris àInnis Tìle
  • Air fhoillseachadh

Cha bhiodh tu fada a' cur seachad ùine ann an Innis Tìle gun cluinn thu an abairt seo aig na daoine – 'Þetta reddast': na bi dragh ort, obraichidh cùisean a-mach aig a' cheann thall.

'S dòcha gur e seo an seòrsa feallsanachd a dh'fheumadh a bhith agad ann an dùthaich a tha a' laighe air sgaradh mòr ann an uachdar na cruinne; le 500 crith-thalmhainn a' tachairt gach seachdain.

Nuair a bha mise ann bho chionn goirid, bhiodh muinntir Reykjavik a' togail san dol seachad air mar a bhathas an dùil gun dùisgeadh bholcàno mòr Svartsengi taobh a-muigh a' bhaile ann am beagan seachdainean eile...ach, Þetta reddast.

Tha co-dhiù aon rud, ge-tà, a tha na uallach dha muinntir Innis Tìle, agus 's e siud na dh'fhaodadh a bhith fa-near dha Innis Tìlis fhèin; is dragh gum faodadh i a dhol à bith mar phrìomh chànan, is Beurla a' dol na h-àite.

Tha seann phrìomhaire na dùthcha Katrín Jakobsdóttir air a bhith a' bruidhinn a-mach air na tha ise air fhaicinn san dùthaich air fad, agus fiù na dachaigh fhèin.

"Aig àm na Nollaige, thuirt mi rium fhìn – fòghnaidh na dh'fhòghnas. Agus, thuirt mi ris na balaich is an duine agam, 'Feumaidh a h-uile duine agaibh 1,000 Króna a phàigheadh air gach facal Beurla a bhios agaibh tron Nollaig seo.'

"Agus, an dèidh aon là – an dèidh Là na Nollaige – dh'fhaodainn a bhith air coiseachd a-mach le 100,000 Króna. Bha siud na dhùsgadh dhomh."

Katrín Jakobsdóttir

Thathas a' meas gu bheil a' Bheurla na cunnart do dh'Innis Tìlis air trì dòighean gu sònraichte.

An toiseach, le mar a tha turasachd air fàs – bho 500,000 duine a bhith a' tadhal an 2010 gu faisg air 2.5m an 2025 – is a' mhòr-chuid de ghnothachasan turasachd ag obrachadh tro mheadhan na Beurla.

Cuideachd, le turasachd agus obraichean a bharrachd san eaconamaidh san fharsaingeachd, tha tòrr mòr de dhaoine air a thighinn a dh'obair is a dh'fhuireach ann an Inis Tìle; le timcheall air 20% de luchd-còmhnaidh na dùthcha air a thighinn bho thall thairis.

Ach, 's e an cunnart as motha a rèir gu leòr - Katrín nam measg – ach teicneòlas, AI, is na meadhanan Beurla.

"Tha clann a tha a' fàs suas san là a th' ann air an cuairteachadh le YouTube, TikTok, agus na meadhanan-sòisealta – tha stòras gun chrìch de stuth sa Bheurla," tha Katrín ag ràdh.

"Le mar a tha clann is daoine òga air air an cuairteachadh leis a' Bheurla, tha feadhainn fiù 's a' bruidhinn le càirdean Innis Tìleach, cho math ri càirdean bho thall thairis, ri linn is gu bheil e nas fhasa ann an dòigh Beurla a bhruidhinn seach Innis Tìlis," thuirt i.

Elína

"Tha Innis Tìlis air tòiseachadh ri bàsachadh, gu h-àraidh leis a' ghinealach as ùire; mi fhìn nam measg."

B' i seo an teachdaireachd eagalach bho Elína, tè san ochdamh bhliadhna an Landakotsskóli air Seann Taobh Siar Reykjavik.

''S e cànan a tha a' bàsachadh a th' ann, agus chan eil mòran dhaoine ga bruidhinn.

"Tha tòrr de luchd-turais ann agus tòrr dhaoine a bhruidhneas Beurla a-mhàin. Mo mhàthair-chèile, mar eisimpleir, 's ann às Aimeireagaidh a tha ise, agus tha i air a bhith a' fuireach an seo fad ùine mhòir – bhon a bha mise còig bliadhna a dh'aois – agus chan eil aice ach beagan fhaclan co-cheangailte ris a' chù."

Bidh Evan, san trìtheamh bhliadhna, a' dol eadar Beurla agus Innis Tìlis:

"Tha e a rèir an ann san sgoil no aig an taigh a tha mi," dh'innis Evan dhomh.

"San sgoil, 's i Innis Tìlis a bhios agam, gu ìre mhòir, ach Beurla a-mhàin aig an taigh. 'S dòcha, ri linn is gu bheil m' athair ag iarraidh orm Beurla a bhruidhinn ach an tuig e.'

Tha beagan is bliadhna bhon a thàinig Chantel a dh'fhuireach air cùlaibh bàr aig taigh-òsta an Reykjavik, ach chan eil càil a dhùil aice carachadh,

"Nuair a thàinig mise a dh'Innis Tìle an-toiseach, 's ann a bha dùil agam fuireach ann dìreach airson treiseig, ach bha an uair sin gaol mòr agam air an dùthaich. Tha i iongantach, dìreach mìorbhaileach. Tha i fuar, ach 's i dùthaich dha-rìribh a th' innte.

"Tha thu a' faireachdainn ann, mar gum biodh tu aig an taigh".

Chantel

Ach, mar thè às Bhenesuela, bha aice ri taghadh a dhèanamh eadar a bhith ag ionnsachadh Innis Tìlis no Beurla,

"An toiseach, cha robh ach glè bheag de Bheurla no Innis Tìlis agam. Thuirt mi rium fhìn, tòisichidh mi leis a' Bheurla, agus Innis Tìlis an dèidh sin, agus bha siud math.

"'S e taigh-òsta a tha seo agus tha tòrr aoighean againn bho thall thairis is mar sin, tha e nas fhasa Beurla a bhruidhinn san taigh-òsta seach Innis Tìlis."

Tha a' cheist mu na tha san amharc dha Innis Tìlis air a dhol na gnothach poilitigeach. Le dragh ann air cho mòr is a tha eaconamaidh Innis Tìle an urra ri daoine bho thall thairis a bhith a' tighinn a-steach a dh'obair ann; gun mòran comais sam bith sa chànan, mar as trice.

Tha Snorri Másson, a tha na bhall dhen Alþingi (Pàrlamaid Innis Tìle) aig Pàrtaidh a' Mheadhain, a' togail gu h-àraidh air saorsa-gluasaid le dùthchannan eile san Aonadh Eòrpach.

"Tha na crìochan againn leis an EU straointefosgailte," thuirt e.

"Tha 450 millean duine ann a dh'fhaodadh tighinn an seo, is tha tòrr dhiubh air tighinn mar thà, thar an deich neo fichead bliadhna a chaidh airson obair.

"Tha suidheachadh a' chànain an seo air atharrachadh gu mòr ri linn. Ann am barrachd 's barrachd àiteachan, chithear nach gabh Innis Tìlis a bhith air a cleachdadh tuilleadh.

Snorri Másson

"Tha grunn rudan a' dol an lùib a chèile airson an suidheachadh a dhèanamh nas miosa. Tha clann às an seo cho fileanta sa Bheurla is tha an uair sin clann luchd-imrich a' tighinn dhan sgoil. 'S e an cunnart gur e a' Bheurla an uairsin an cànan cumanta a bhios eatorra, an àite luchd-imrich ag ionnsachadh Innis Tìlis.

Tha Pàrtaidh a' Mheadhain an-dràsta san dàrna àite ann an cunntasan-bheachd Innis Tìle, le taic bho bheagan is 20%, ach tha cuid air a bhith a' fàgail orra gur ann ag amas air Innis Tìle a tharraing air ais bho bhith na dùthaich fhosgailte a tha iad.

"Tha saoghal an là an-diugh eadar-nàiseanta. Ach 's urrainn do chàil sam bith a dhol ro fhada.

"Cha bu chòir do dhlùth-chruinneas fàs gu bhith na theagasg cràbhaidh, nach gabh a cheasnachadh, no a stad.

Eòrpa: Innis Tìlis aig an Oir

Alasdair MacLeòid a’ rannsachadh nan dùbhlan mu choinneimh Innis Tìlis

"Feumaidh sinn crìochan a chur air. Agus ma tha sinn air a dhol seachad air na crìochan sin, mar a rinn sinn sna bliadhnaichean a dh'fhalbh, feumaidh sinn stad agus a radh: "'S e seo cho fada 's a tha sinn a' dol a dhol."

'S ann a Leòdhas a tha Iain MacFhionghain is e a-nise a' gabhail còmhnaidh an Innis Tìle.

"Tha suidheachadh a' chànain, chan eil e mì-choltach ri mar a bha suidheachadh na Gàidhlig, 's dòcha, 50 bliadhna air ais.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil cùisean faisg air ruighinn an aon ìre 's a tha air ais aig an taigh a thaobh na Gàidhlig, ach tha crìonadh a' tighinn air a' chùis."

Iain MacFhionghain

Tha Iain ag aithneachadh a' chunnairt an cois daoine a bhith a' tighinn a-steach bho dhùthchannan eile gun Innis Tìlis idir aca, agus a' bhuaidh an lùib turasachd a bhith a' fàs, ach tha e cuideachd a' cur cuideim mhòir air aon rud eile gu sònraichte.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as motha ach na meadhanan – an telebhisean a tha sa h-uile dachaigh agus a-nise mar a tha an telebhisean a' dol.

"'S ann à diofar dhùthchannan eile a tha e a' tighinn agus 's e prògraman Beurla a th' annta gu lèir, is filmichean Beurla a th' annta gu lèir; no a' mhòr-chuid dhiubh co-dhiù.

"Agus, ma 's e sin na meadhanan – gu sònraichte an òigridh – a' gabhail a-steach, chan eil dol a-mach às a' chùis – tha a' Bheurla a' dol a dh'fhàs tòrr mòr nas làidire, agus tha i."

Tha mothachadh ann gu bheil cunnart ron chànan, tha rùn dha-rìribh am measg tòrr de mhuinntir an àite an cànan aca a ghlèidheil mar phrìomh chànan na dùthcha, agus luach mòr aig daoine san t-seanchas agus cultar co-cheangailte rithe.

Gu dearbha, siud an fhaireachdainn a bh' agam san taigh aig Rósa Jóhannesdóttir air an deach mi a chèilidh aon oidhche, far an d' fhuair mi biadh de bhìodagan cearbain, drama beag Brennivin agus an t-òran brèagha seo air a sheinn le a triùir chloinne Jóhannes, Iðunn, agus Gréta; òran a th' air a bhith aig na daoine an seo fad linntean mòra:

Þat mælti mín móðir, at mér skyldi kaupa fley ok fagrar árar, fara á brott með víkingum, standa upp í stafni, stýra dýrum knerri, halda svá til hafnar hǫggva mann ok annan.

Mo mhàthair, thuirt i rium,

Faigh bàta is dà ràmh.

Theirig a sheòladh leis na gaisgich.

Seas aig an toiseach,

Stiùir am bàta.

Dèan air a' chala.

Marbh aon duine,

Is marbh fear eile.

Clann a' seinn

"Tha sinn air a bhith a' seinn riutha bho bha iad gu math òg," thuirt Ròsa.

"Nuair a bha iad nan leanabhan, bhithinn fhìn is an athair a' coiseachd mun cuairt leotha a' seinn riutha.

"Luinneagan mar 'Sofðu unga ástin mín' agus socraichich sin iad, agus chuireadh iad stad orra bho bhith a' gal".

Rósa Jóhannesdóttir

''S e nach eil cho cumanta a-nise ach a bhith a' cumail ris na seann òrain, agus a bhith ag ionnsachadh nan seann fhaclan is nam fonn. 'S dòcha nach eil toirt seachad seann sgeulachdan, dàin is bàrdachd cho cumanta san là a th' ann.

"Aithnichinn fhìn gu bheil ceòl sa Bheurla, gu h-àraidh às Aimeireagaidh, air làmh an uachdair fhaighinn an Innis Tìle."

Tha òrain is seanchas bho shean aig clann Ròsa, agus tha mothachadh aig Katrin Jakobsdóttir air cho mòr is a tha an cànan a' cunntadh ann a bhith a' ceangal daoine an seo rin eachdraidh.

"Tha mi a' faireachdainn gur e fìor urram a th' ann comas a bhith agam leabhraichean a leughadh mu bheatha ann an Innis Tìle a' dol air ais gu 1000AD. Gun urrainn dhuinn ar n-eachdraidh a leughadh cho fada air ais ri toiseach Crìostaidheachd an seo, is gun robh daoine a' fuireach an seo bhon uairsin.

"Tha sin cus ro phrìseil a bhith air a leigeil seachad.

"Tuigidh mi gur e strì a th' ann an aghaidh rud a tha ro làidir.

"Ach aig an dearbh àm, nach eil nàmhaid ann 's dòcha ach sinn fhìn.

"'S ann mu ar deidhinn fhèin a tha seo, agus mu dheidhinn dè an luach a tha sinn a' roghnachadh a chur air."