Airgead riaghaltais ùr dhan chànan aig toiseach Seachdain na Gàidhlig

Sealladh bho An t-EileanTùs an deilbh, Black Camel Pictures/BBCAlba/John Maher
  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba £620,000 de mhaoineachadh a bharrachd do leasachadh na Gàidhlig air a' chiad là de Sheachdain na Gàidhlig.

Tha an cuibhreann as motha dheth, £200,000, a' dol gu MG ALBA a dhearbh an t-seachdain a chaidh gun tòisich filmeadh air an dàrna sreath den dràma eucoir An t-Eilean as t-earrach.

Bhuannaich an dràma dà dhuais Eòrpach agus tharraing e an àireamh luchd-amhairc a bu mhotha on thòisich an t-seanail Ghàidhlig, BBC ALBA.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis: "Tha soirbheas An t-Eilean a' dearbhadh gu bheil fèill mhòr air prògraman Gàidhlig àrd-amasach.

"Thug e a' Ghàidhlig gu seòmraichean-suidhe air feadh an t-saoghail agus tha am maoineachadh seo a' ciallachadh gum bi buannachd leantainneach do na coimhearsnachdan agus an tàlant a bu choireach ris an t-soirbheas sin."

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun do sheall rannsachadh neo-eisimeileach gu bheil 340 dreuchd an cois nam meadhanan Gàidhlig an Alba, 160 sna h-eileanan nam measg.

Tha Cultarlann Inbhir Nis cuideachd a' faighinn £103,413.89 airson cur ris an obair a tha an t-ionad Gàidhlig a' dèanamh.

Dh'fhosgail an t-ionad às ùr faisg air deireadh na bliadhna an-uiridh às dèidh obair air an taobh a-muigh.

Tha dùil gun tòisich tuilleadh obrach am broinn an togalaich ro dheireadh na bliadhna.

'S e na buidhnean eile a gheibh airgead:

  • Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas - £98,250 airson FtMG a leudachadh air Àrd-sgoil Calderglen

  • Sabhal Mòr Ostaig - £89,586.48

  • Comunn Eachraidh Nis – £83,772 airson an taigh-tasgaidh ùrachadh

  • Comhairle na Gàidhealtachd - £23,000 airson nan tachartasan a tha a' comharrachadh 40 bliadhan de FtMG

  • Tobhar an Dualchais – £14,127 airson an tasglann didseatach a leasachadh

  • Hands Up For Trads – £10,000 airson na tha iad a' dèanamh tro Sheachdain na Gàidhlig

Aig an dearbh àm, tha dùil gum foillsich am Prìomh Mhinistear John Swinney Plana nan Eilean ann an Sealtainn Diluain.

Am measg na bhios ann bidh mar a ghabhas fàs a thoirt air a' Gàidhlig ann an sgìrean traidiseanta a' chànain.

Sheall an cunntas-sluaigh mu dheireadh gun tàinig fàs air na tha de luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba.