"Tha sinn ag iarraidh gum bi barrachd dhaoine a' faireachdainn gum buin an cànan riutha"

Stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop, ann an cota dearg agus a' cumail soidhne air a bheil sgrìobhte Cleachd i no Caill i, Use it or Lose it Tùs an deilbh, SEACHDAIN NA GÀIDHLIG
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dòchas ann gum misnich an t-seachdain shònraichte daoine a' Ghàidhlig a chleachdadh fad na bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Bidh còrr math agus 200 tachartas ann mar phàirt de sheachdain shònraichte a' togail ìomhaigh na Gàidhlig gu h-èadar-nàiseanta agus an Alba.

Tha Seachdain na Gàidhlig a' tòiseachadh an-diugh agus a' ruith gu Là na Sàbaid seo tighinn, agus sreath de thachartasan a' gabhail àite.

Tha e a' toirt misneachd dhan fheadhainn a tha a' cur na h-iomairt air dòigh gu bheil barrachd gu bhith a' dol am-bliadhna an taca ris a' bhliadhna an-uiridh.

Tha Stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop, ag ràdh gur e "deagh rud gu bheil daoine a' gabhail a' chothroim barrachd a dhèanamh leis a' Ghàidhlig".

Thuirt i: "Tha e air a bhith na thogail dhuinn gu bheil barrachd dhaoine a' gabhail ùidh san t-seachdain agus a' faireachdainn gun urrainn dhaibh sealbh a ghabhail air a' chànan agus rudan a dhèanamh nan coimhearsnachdan fhèin."

'S e seo an còigeamh bliadhna a chumadh an t-seachdain shònraichte a tha air a' mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.

Tha iad a' gealltainn gum bi "prògram loma-làn againn, bho dhannsaichean is òraidean, gu bèicearachd is cuairtean".

'S e an cuspair a thagh iad am-bliadhna 'Cleachd i no Caill i', a tha a' freagairt air a h-uile duine am beachd Joy.

"Tha e freagarrach do dhaoine aig a bheil an cànan barrachd a dhèanamh agus a bhith ga chleachdadh, agus feadhainn aig nach eil i fhathast tha e a' toirt cothrom dhaibhsan eòlas a chur air a' Ghàidhlig agus a bhith mar phàirt den choimhearsnachd againn," thuirt i.

Tha Joy ag ràdh gur e dìleab na seachdaine an rud as cudromaiche dhaibh, agus gun lean daoine fad na bliadhna.

"Tha sinn ag iarraidh gum bi barrachd dhaoine a' faireachdainn gum buin an cànan riutha," thuirt i.

Gheibhear liosta den a h-uile càil a tha a' dol tro Sheachdain na Gàidhligh an seo. , taobh a-muigh