Thugadh còignear dhan ospadal an dèidh tubaist rathaid faisg air Gleann Comhann

An A82 faisg deas air Gleann ComhannTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an tubaist air an A82 madainn Disathairne

  • Air fhoillseachadh

Chaidh còignear a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist le dà charbad deas air Gleann Comhann Disathairne.

Thachair e air an A82 timcheall air 10:45m sa mhadainn eadar Ford Ranger geal agus Volkswagen ID3 liath.

Thuirt na poilis gu bheil iad airson bruidhinn ri dràibhear Porsche airgead a bha air fhaicinn san sgìre mun àm a thachair an tubaist.

Thathar ag iarraidh air daoine le fiosrachadh neo a chunnaic na carbadan a bha an sàs sa chùis fios a chur air Poileas Alba., taobh a-muigh