Sùilean air a' Bhall: Dìleab Dhòmhnaill MhicAoidh

Iain MacCoinnich is Tommy MacNeacail is sùilean MhicCoinnich air a' bhallTùs an deilbh, Tasglann Chomann na Camanachd
  • Air fhoillseachadh

"Fear a ghlac spiorad, muinntir is àitichean na h-iomain thairis air ginealachdan".

'S e sin a tha Comann na Camanachd ag ràdh mun neach-dhealbh Dòmhnall MacAoidh nach maireann agus òraid shònraichte gu bhith aca mu dheidhinn air an deireadh-sheachdain.

Rugadh Dòmhnall MacAoidh ann an Inbhir Pheofharain is thogadh e ann am Muile.

Thog Mgr MacAoidh na ceudan de dhealbhan iomain tro na 1970an is 1980an, a' fàgail stòras a tha ann am faclan Chomann na Camanachd "a' clàradh fàs na spòrs air is far na pàirce, a thuilleadh air beatha na coimhearsnachd, obair-ciùird, traidisean is sgilean spòrs".

'S e an t-eòlaiche iomain Ùisdean MacIllinnein a bhios a' toirt seachad na h-òraid Disathairne le taic bhon neach-ealain is cluicheadair iomain Dougie MacFhraing.

"Bha an t-uabhas a' tachairt anns na 70an," thuirt Ùisdean air Aithris na Maidne.

"Bha an Shinty Forum ann, a leasaich an geama gu tur, bha Leabhar Bliadhnail na Camanachd air tòiseachadh, is bha e uabhasach feumail gun robh Dòmhnall a' togail dhealbhan aig an àm."

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 10, A' chiad chòmhdach de Leabhar Bliadhnail na Camanachd ann an 1971 a bha air a dhealbhachadh le Dòmhnall MacAoidh, A' chiad chòmhdach de Leabhar Bliadhnail na Camanachd ann an 1971 a bha air a dhealbhachadh le Dòmhnall MacAoidh

Thuirt Ùisdean gun robh Mgr MacAoidh deònach rudan ùra fheuchainn agus gabhail ri leasachaidhean ann an teicneolas.

Tha e ag ràdh eadar sin agus an t-eòlas a bh' aige air iomain bho thùs, gun robh Mgr MacAoidh air thoiseach air feadhainn eile le camara.

"Bha e a' tuigsinn a' gheama; càite am biodh am ball, càite an robh na tackles mòra a' tighinn, càite an robh sabaid a' dol a thòiseachadh, càite an robh na tadhail a' dol a-staigh."

Dh'fhàg seo uile cuideachd gun do choisinn Mgr MacAoidh cliù is duais gu nàiseanta airson a chuid obrach.

Togaidh Ùisean is Dougie gu sònraichte Disathairne air an dealbh ainmeil a bhuannaich an duais dha Dòmhnall, ach bidh sin a thuilleadh air taghadh de na dealbhan san fharsaingeachd is fiosrachadh mu a bheatha is a dhìleab.

Thèid bruidhinn cuideachd mun obair gus na dealbhan a chur ann an dreach didseatach le dùil gum bi iad ri fhaighinn dhan mhòr-shluagh air a' cheann thall.

'S e Comann na Camanachd fhèin a tha air an òraid Disathairne a chur air dòigh ann an co-bhanntachd le Camanachd na Cuimhne, Maoin a' Chrannchuir Nàiseanta agus Sgeul na Camanachd.

Tòisichidh 'Camera at the Camanachd – Donald Mackay's Legacy to Shinty' aig meadhan-là aig Sgeul na Camanachd aig Pàirc a' Bhucht. Tha e saor an-asgaidh is chan eil feum air àite a chur air dòigh ro-làimh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte