Naidheachdan 10:00m
Meadhanan-sòisealta
Thig air companaidhean teicneòlais dealbhan drabasta a chaidh a sgaoileadh gun chead a thoirt far nan làraichean aca an taobh a-staigh dà là fo mholaidhean ùra aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Tha ministearan ag ràdh gun tigeadh càin suas ri 10% den teachd-a-steach iomlan aca air companaidhean meadhanan-sòisealta air am failicheadh e sin a dhèanamh, no gun deadh bacadh a chur air na seirbheisean aca ann am Breatainn gu lèir. Feumaidh na molaidhean cead bho riaghladair a' chonaltraidh, Ofcom. Thuirt am Prìomhaire Sir Keir Starmer, gum bu chòir dèiligeadh ris an leithid de dh'ìomhaighean san aon dòigh ri stuthan ceannairc.
Àrd-sgoil Mhuile
Thuirt pàrantan ann am Muile nach gèill iad san iomairt aca an aghaidh na làraich a thaghadh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson àrd-sgoil ùr a thogail. Thug Buidheann-Obrach Campas Mhuile a' chomhairle gu ath-sgrùdadh laghail mu phlanaichean an sgoil ùr a thogail ann an Tobar Mhoire. Dhiùlt Cùirt an t-Seisein an-dè tagradh bho phàrantan a bha a' cumail a-mach nach robh conaltradh gu leòr ga dhèanamh leis a' chomhairle, 's nach deach beachdachadh gu ceart air làrach ann am meadhan an eilein. Tha tighinn air clann san Ros Mhuileach, an iar-dheas an eilein, a dhol a dh'Àrd-Sgoil an Òbain tron t-seachdain leis gu bheil Tobar Mhoire ro fhada air falbh. Thuirt a' chomhairle gun toir iad ùine a bheachdachadh air na h-ath-cheumannan aca, 's gun tèid aithisg a chur air beulaibh bhall an ceann ùine.
Sgoil Shònraichte Dhruimein
Coinnichidh comhairle phàrant sgoil shònraichte Dhruimein ann an Inbhir Nis ri Rùnaire an Fhoghlaim an-diugh sa mhadainn. Seo agus draghan a' leantainn mu chion luchd-obrach agus sunnd nan sgoilearan. Chaidh laigsean mòra a chomharrachadh san sgoil ann an athaisg a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain a chaidh.
Na h-Eileanan Chagos
Chuir an Ceann-Suidhe Trump ìmpidh air Sir Keir Starmer gun na h-Eileanan Chagos a thoirt seachad do Mhauritius. Thuirt e gur dòcha gum bi ionad-airm Breatannach-Aimeireaganach air eilean Diego Garcia a dhìth airson ionnsaighean a thoirt air Iran. Thuirt e seo cola-deug an dèidh dha a ràdh gur e an t-aonta le Mauritius an t-aonta a b' fheàrr a dh'fhaodadh Sir Keir a dhèanamh.
Baile a' Chnuic
Chaidh daoine a thoirt a-mach à grunn dachannan ann an sgìre Bhaile a' Chnuic de dh'Inbhir Nis an-raoir agus aithrisean ann gun robh dragh mu dhuine. Dhùin na Poilis Rathad MhicAoidh mu sheachd uairean eadar Bun-Sgoil a' Challtainn agus Rathad a' Challtainn, 's chaidh an sgìre a dhùnadh dheth. Dh'fhosgail an rathad às ùr mu chairteal gu còig an-diugh sa mhadainn, ach tha oifigearan fhathast an làthair. Chaidh iarraidh air a' phoball an sgìre a sheachnadh.