Rùnaire an Fhoghlaim "duilich" mun t-"strì mhòr" aig pàrantan le clann aig sgoil shònraichte

- Air fhoillseachadh
Tha Rùnaire an Fhoghlaim air a ràdh gu bheil i a' tuigsinn nan draghan mu dhuilgheadasan le luchd-obrach aig sgoil shònraichte Dhruimein ann an Inbhir Nis.
Bha Jenny Gilruth air coinneachadh air-loidhne ri pàrantan sa mhadainn an-diugh an dèidh mar a sheall aithisg foghlaim gu bheil laigsean mòr san sgoil fhèin.
Dh'innis pàrantan is luchd-cùraim dhi cho doirbh 's a tha gnothaichean san sgoil fhèin – le cion luchd-obrach, mòran dhiubh dheth tinn, agus tha an sgoil fhèin a' cur thairis,
Ann am brath-naidheachd, thuirt Comhairle nam Parant gur e deagh chothrom a bh' ann bruidhinn rithe mun t-suidheachadh agus gun tuirt i gu bheil i duilich gum feumadh iad strì mhòr a dhèanamh.
Tha an naidheachd a' tighinn agus aithisg luchd-sgrudaidh air ceithir laigsean a chomharrachadh: ceannardas, ionnsachadh, co-ionnanachd agus am foghlam fhèin.
Tha Lesley Anne NicAsgaill bho Aonadh an GMB ag ràdh nach eil an aithisg na iongnadh idir.
Thuirt i: "Tha na buill againn ag obair ann an suidheachaidhean fìor dhùbhlanach aig Sgoil Dhruimein, ach a dh'aindeoin sin tha an luchd-obrach cho dìcheallach agus ag obair air leth cruaidh airson foghlam agus cùram a thoirt seachad."

Tha Lesley Anne NicAsgaill bho Aonadh an GMB gu bheil cruaidh fheum air nùrs làn ùine a bhith aig an sgoil
Tha pàrantan, luchd-cùraim agus na h-aonaidhean ag iarraidh luchd-obrach a bharrachd agus plana-gnìomha soilleir agus gun tèid fios a chumail riutha mu dè tha a' tachairt san sgoil.
Nas cudromaiche buileach tha iad ag ràdh 's e gum bi banaltram làn-ùine stèidhichte san sgoil.
"Leis nach eil nurs sgoile ann tha uallach mòr a bharrachd air na buill againn airson cùram meidigeach toinnte a thoirt seachad nach bu chòir do luchd-taice san sgoil a bhith a' dèanamh," thuirt Ms NicAsgaill.
Thuirt Ms Gilruth gu bheil dragh mòr oirre mun t-suidheachadh aig Sgoil Dhruimein agus gum feum Comhairle na Gàidhealtachd dèiligeadh ri aithisg an luchd-sgrùdaidh gu sgiobalta.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' gabhail aire air an aithisg agus ag obair gu dlùth còmhla ri ceannardan feuch piseach a thoirt air an t-suidheachadh.
Thuirt iad gu bheil rudan math san aithisg agus gu bheil iad air luchd-obrach a bharrachd a chur dhan sgoil.
Tha iad cuideachd ag obair feuch neach-trèanaidh clionaigeach fhastadh.