Cha deach gabhail ri iarrtas airson EGM de Stòras Uibhist

Oifis Stòras Uibhist
  • Air fhoillseachadh

Cha deach gabhail ri iarrtas airson coinneimh èiginneach de Stòras Uibhist a chumail.

Bha an t-iarrtas air tighinn bho Chumhachd Ath-nuadhachail Uibhist a Deas (SURE), tè de na companaidhean a tha fo Shealladh na Beinne Mòire - companaidh pàrant an uachdarain choimhearsnachd.

Bha bòrd SURE, a tha air aon taobh de bhuaireadh taobh a-staigh na buidhne, air a ràdh gun robh iad air an taic a bha a dhìth airson coinneamh a ghairm fhaighinn.

Nuair a nochd an t-iarrtas an t-seachdain seo chaidh, thuirt bòrd Sealladh na Beinne Mhòire gun dèanadh iad sgrùdadh an robh e laghail is coileanta.

Ann am brath ùr, tha iad ag ràdh nach bi EGM ann.

"Aig an ìre seo cha deach iarrtas coileanta airson EGM a chur air beulaibh bòrd Sealladh na Beinne Mòire," thuirt fear-labhairt.

"A thuilleadh air sin, cha deach a dhearbhadh gun robh an athchuinge air gu lèor ainmean fhaighinn.

"Mar sin, leis nach deach gluasad a chur air beulaibh bòrd Sealladh na Beinne Mhòire, cha robh e comasach dha luchd-lagha na companaidh measadh a dhèanamh air".