Spàgan agus an t-airgead

- Air fhoillseachadh
Tha £120,000 ri fhaighinn do bhuidhnean coimhearsnachd ann am Barraigh is Bhatarsaigh mar phàirt de mhaoin airgid a thàinig bho chrann-gaoithe air a bheil Spàgan.
Thathar air taic a thoirt do bhuidhnean eadar-dhealaichte bho 2018 agus tha a' mhaoin fosgailte airson tairgsean a-rithist am-bliadhna.
Nuair a chluinneas mòran de luchd-labhairt na Gàidhlig am facal Spàgan, 's ann air a' chreutair àrd phurpaidh a bhios a' nochdadh ann an leabhraichean chloinne a bhitear a' smaoineachadh.
Ach do mhuinntir Bharraigh is Bhatarsaigh, tha Spàgan eile gu math fialaidh aca. 'S e th' ann ach crann-gaoithe faisg air Eòlaigearraidh a chaidh a thogail leis a' choimhearsnachd ann an 2013.

Spàgan an crann-gaoithe Barrach
Thòisich maoin Spàgain ann an 2018. On uairsin tha iomadh buidheann air buannachd fhaighinn às.
Tha Buidheann Ghnìomh Saor-thoileach Bharraigh is Bhatarsaigh air aon dhuibh sin. Tha iadsan a' tabhann sheirbheisean còmhdhail san eilean. 'S e àrd-oifigear na buidhne Eòin MacNèill.
Thuirt esan gum faodadh iad cumail orra le bhith a' togail dhaoine air feadh an eilein agus an toirt gu na diofar bhuidhnean anns am bheil iad an sàs, leithid Cobhair Bharraigh, Gàrradh a' Bhàgh a Tuath agus club nam fear. Thuirt Mgr MacNèill gu bheil iad air taic air leth fhaighinn bhon mhaoin.
Tha Companaidh Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh a' ruith a' chrainn-gaoithe agus tha an t-airgead a bharrachd a tha a' tighinn as ga chur a dh' ionnsaigh maoin Spàgain.
'S e Dòmhnall Uilleam MacLeòid aon de na stiùiricheean air a' chompanaidh choimhearsnachd.
Thuirt e air feadh na Gàidhealtachd agus na h-Alba gur iad companaidhean mòra mar as trice a tha a' faighinn na buannachd air fad às na crainn-gaoithe. Ach chan ann mar sin a tha le Spàgan.
"Tha nas urrainn tighinn às a' dol dhan choimhearsnachd agus dìreach an còrr dheth a' dol an tacsa a bhith ga chumail a' dol", thuirt Mgr MacLeòid.

Còmhlan òigridh bho Fhèis Bharraigh a fhuair taic on mhaoin
Tha Fèis Bharraigh air buannachd fhaighinn bhon mhaoin cuideachd ann an 2024. Chuidich seo ann a bhith a' faighinn leasanan ciùil a bharrachd don chloinn agus le cosgaisean airson an sgoil ann am Bàgh a' Chaisteil a chleachadh tron fhèis as t-samhradh.
Thuirt Seonaidh gun d' fhuair e buannachd às le a' bhith faighinn leasanan gach seachdain. Tha luchd-teagasg sònraichte cuideachd a' tighinn às an Òban airson oideachadh aon turas gach teirm-sgoile.

Seonaidh
Fhuair Ionad Dualchais Bharraigh solais is innealan teasachaidh dhan togalach anns a bheil iad ann am Bàgh a' Chaisteil seach gun d' fhuair iad fhèin taic-airgid bho mhaoin Spàgain.
Tha Joe Caimbeul na bhall den chomataidh.
"Tha e cudromach gu bheil àite mar seo ann agus gum bheil Spàgan agus Foundation Scotland a' dèanamh seo dhan eilein. Chan e dìreach sinn fhèin. Tha gu leòr mun cuairt Barraigh is Bhatarsaigh a tha a' faighinn buannachd às an seo," thuirt e.
Tha a' mhaoin fosgailte , taobh a-muighdo thagraichean gu deireadh a' Mhàirt 2026. Tha suim suas ri £50,000 ri fhaotainn am-bliadhna do dh' aon bhuidheann.
'S i companaidh neo-eisimeileach a thaghas na tagraichean.