Tha An t-Eilean a' tilleadh an dèidh cho math 's a rinn a' chiad sreath

- Air fhoillseachadh
Dh'innis am BBC gun tòisich filmeadh a dh'aithghearr air dàrna sreath de An t-Eilean, an dràma Gàidhlig a bu àrd-amasaiche agus a bu dhaoire a-riamh le buidseat £1m airson gach fear de na ceithir eapasodan.
Chaidh a chraoladh an toiseach as t-earrach an-uiridh agus tharraing e an àireamh luchd-coimhid a bu mhotha o thòisich an t-seanail Ghàidhlig BBC ALBA.
Chaidh a shealltainn cuideachd air BBC FOUR às dèidh sin.
Choisinn e dà dhuais aig duaisean TV Eòrpach Prix CIRCOM 2025 ann am Barcelona.
San t-sreath ùr, bidh an Sàirdseant Kat Crichton, air a chluich le Sorcha Groundsell, air ais agus i a' sgrùdadh muirt eile.
Gheall Bill MacLeòid, Deasaiche Coimiseanaidh BBC ALBA: "Bheir An t-Eilean an luchd-amhairc uair eile gu aon de na tìrean as dràmadaiche san t-saoghal le sgeulachd thoinnte a chumas air bhioran iad chun nan diogan mu dheireadh."

Tha Kat Crichton a' sgrùdadh muirt eile agus a' toirt saoghal dìomhair na coimhearsnachd am follais
Bidh aig Kat ri dèiligeadh ri mar a tha i a' faireachdainn mun àite san do thogadh i agus dhan till i a bharrachd air murtair boireannaich òig a lorg.
Thig dìomhairean agus beathannan fallaichte dhaoine òga sa choimhearsnachd am bàrr cho math ri saoghal eagalach ris nach robh dùil de choirbeachd agus cunnart.
'S e a' chompanaidh Black Camel Pictures a tha a' dèanamh An t-Eilean às leth BBC ALBA, BBC FOUR agus BBC iPlayer.
Tha Tom O' Sullivan a' tilleadh mar stiùiriche agus 's i Mairead Hamilton an co-stiùiriche.
Bithear a' foillseachadh cò na cleasaichean eile a bhios ann an ceann sreath.
Bha tòrr den fhilmeadh airson a' chiad sreath sna Hearadh agus 's ann sna h-Eileanan an Iar a bhios a' chuid as motha den dàrna sreath suidhichte.
Tha dùil gun tòisich filmeadh as t-earrach 2026.