Naidheachdan 11:00m

Còmhraidhean Sìthe

Thàinig cuairt eile de chòmhraidhean sìthe eadar an Ruis agus an Ucràin ann an Geneva gu ceann an-diugh gun aonta air na h-uimhir de rudan. Thuirt Ceann-Suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, gun robh na còmhraidhean, leis na Stàitean Aonaichte os an cionn, doirbh ach gu bheil a h-uile h-adhbhar ann sreath chòmhraidhean eile a chur air dòigh.

Bun-Tuarasatal

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' beachdachadh air dàil sa phlana airson bun-tuarastail aig an aon ìre do dh'inbhich aig gach aois. Bha sin ann am manifesto nan Làbarach ach tha dragh air ministearan gu bheil am plana a' cur ri ìre cion-cosnaidh am measg òigridh oir tha leisg a-nis air luchd-fastaidh cosnadh a thoirt do dhaoine òga oir thig orra tuarastal nas motha a thoirt dhaibh.

An Atmhorachd

Thuit an atmhorachd dhan ìre as lugha ann am faisg air bliadhna bho 3.4% gu 3%. Ged nach eil prìsean ag èirigh cho luath 's a bha iad tha an atmhorachd fhathast os cionn targaid Bhanca Shasainn aig 2%.

Àrd-Sgoil Mhuile

Tha dùil ri co-dhùnadh an-diugh an dèidh ath-sgrùdaidh laghail air mar a chaidh làrach a thaghadh do dh'àrd-sgoil ùr Mhuile. Thug eileanaich a tha ag iarraidh na sgoile ann an meadhan an eilein, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu lagh an dèidh dhan ùghdarras ionadail cur romhpa an sgoil a thogail ann an Tobar Mhoire.

Droch-Dhìol Drabasta

Tha an cunnart anns a bheil clann bho dhroch-dhìol dhrabasta air-loidhne a' fàs nas miosa le còrr 's 1,000 duine gan cur an grèim gach mìos air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir gu bheil mòran de na h-ìomhaighean sin air na meadhanan-sòisealta agus gum feum companaidhean techneòlais mòran a bharrachd a dhèanamh airson stad a chur air an leithid.

Zuckerberg

Bheir àrd-oifigeach na companaidh Meta, Mark Zuckerberg, fianais do chùirt ann an Los Angeles an-diugh ann an cùis-lagha mu bhuaidh nam meadhanan-sòisealta air òigridh. 'S ann le Meta a tha Facebook, Instagram agus WhatsApp. Tha boireannach agus a màthair a' fàgail air Instagram agus Youtube gun deach an dealbh air dhòigh a tha a' glacadh dhaoine. Tha na companaidean a' dol às àicheadh sin.