Grunn air an gluasad as na dachaighean aca an Inbhir Nis

Rathad MhicAoidh, Inbhir NisTùs an deilbh, Google Maps
  • Air fhoillseachadh

Chaidh daoine a ghluasad a mach à grunn thogalaichean is dachaighean ann an sgìre Bhail' a' Chnuic de dh'Inbhir Nis oidhche Chiadain agus dragh air na h-ùghdarrasan mu neach.

Dhùin na Poilis Rathad MhicAoidh eadar Bun-sgoil a' Challtainn agus Rathad a' Challtainn aig 7:00f Diciadain.

Dh'fhosgail an rathad a-rithist mu 04:45m Diardaoin ach bha oifigearan fhathast an làthair.

Chaidh iarraidh air daoine an sgìre a sheachnadh.