Pàrantan Sgoil Dhruimein a' coinneachadh ri Rùnaire an Fhoghlaim

Soidhne Sgoil Dhruimein, Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Tha comhairle nam pàrant aig sgoil do chloinn le feumalachdan a bharrachd ann an Inbhir Nis a' coinneachadh ri Rùnaire an Fhoghlaim Diardaoin agus dragh orra mu ghainnead luchd-obrach agus sunnd nan sgoilear.

An t-seachdain seo chaidh, chaidh grunn laigsean a lorg aig Sgoil Dhruimein ann an aithisg le Luchd-sgrùdaidh an Fhoghlaim.

Coinnichidh grunn dhuibh ri Jenny Gilruth Diardaoin. Tha iad an dùil innse dhi mu cho doirbh 's a tha gnothaichean san sgoil le cion luchd-obrach - le cuid dhiubh dheth tinn agus tha an sgoil fhèin loma-làn.

Tha pàrantan is luchd-cùraim air a bhith ag iomairt airson suidheachadh nas fheàrr aig an sgoil fad ghreis. Tha iad air a bhith ag iarraidh ghoireasan nas fheàrr, tuilleadh luchd-obrach agus banaltram stèidhichte anns an sgoil mar a chleachd a bhith ann.

Chan ann tric a bhios ministearan a' coinneachadh ri pàrantan anns an dòigh seo.

Lesley AnneNicAsgail GMB
Fo-thiotal an deilbh,

Lesley Anne NicAsgail bho aonadh an GMB

Laigsean

Chaidh ceithir laigsean cudromach a lorg anns an sgoil leis an luchd-sgrùdaidh, taobh a-muigh:

  • Ceannas

  • Ionnsachadh

  • Co-ionnannachd

  • Foghlam

Tha plana-gnìomha a dhìth airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.

Tha aonadh an GMB ag ràdh nach eil na tha a' nochdadh anns an aithisg idir na iongnadh. Thuirt Lesley Anne NicAsgail bhon GMB gun robh an luchd-obrach aca aig an sgoil ag obrachadh ann an suidheachadh air leth dùbhlannach.

Tha iad ag iarraidh barrachd luchd-obrach a th' air an trèanadh ceart, gun tèid innse do phàrantan agus luchd-cùraim dè tha a' tachairt anns an sgoil agus banaltram làn-ùine stèidhichte anns an sgoil aig a bheil comas dèiligeadh ri feumlachdan nan sgoilearan air fad.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad ag obair gu dlùth ri ceannardan sgoile airson a bhith cinnteach gu bheil gach ceum an sàs airson piseach a thoirt air cùisean.

Thog neach-labhairt air cuid de na nochd san aithisg aig an luchd-sgrùdaidh - nach robh mòran sgoilearan a' call làithean sgoile agus gun robh an àrainneachd sgoile ciùin.

Thuirt iad cuideachd gun deach luchd-teagaisg agus luchd-taic a bharrachd a chur dhan sgoil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo