Litir le rabhadh mu dhùnadh chlasaichean aig Sgoil Dhruimein

- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gun tèid cuid de chlasaichean aig sgoil shònraichte Dhruimein ann an Inbhir Nis a dhùnadh ri linn dìth luchd-obrach.
Tha seo a rèir litir a chaidh a chur gu pàrantan air an deireadh-sheachdain.
Anns an litir bhon cheannard-sgoile eadar-amail chaidh a ràdh gur ann thairis air a' chola-deug a tha romhainn a bhiodh clasaichean air an dùnadh, ach gun deach ceuman a ghabhail gus seo a sheachnadh le luchd-obrach a bhios a' toirt taic do sgoilearan gam fastadh an t-seachdain seo.
Tha dàil anns a' chùis leis gum feum luchd-obrach cead fhaighinn bho Disclosure Scotland mus tòisich iad anns na dreuchdan.
Chaidh leisgeul a thabhainn leis a' Bh-Ph Farell airson seo.
Na bu thràithe am-bliadhna thuirt aonadh an GMB gun robh e eagallach nach robh banaltram shònraichte aig an sgoil, agus pàrantan ag ràdh gun robh an sgoil "ann an èiginn".
Chan eil ach beagan bhliadhnaichean ann bhon a fhuair sgoil Dhruimein duais bho Chomann Nàiseanta an Òtasaim agus iad ag aithneachadh na h-obrach a tha luchd-obrach a' dèanamh airson dèiligeadh ris na feumalachdan a bharrachd a tha aig a' chloinn anns an sgoil.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd roimhe seo gun tòisicheadh banaltram chloinne anns an t-Samhain agus gum bi neach-obrach slàinte agus tidsearan a bharrachd anns an sgoil.
Chaidh beachd iarraidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar 2025
