Dragh air na h-aonaidhean mu Sgoil Dhruimein
Tha e coltach nach bi luchd-obrach a bharrachd ann an seòmraichean clas aig Sgoil Dhruimein ann an Inbhir Nis, ged a bhios barrachd sgoilearan innte am-bliadhna.
Bha Comhairle na Gàidhealtachd air innse bho chionn cola-deug gum biodh tidsearan sònraichte làn-ùine agus pàirt-ùine a bharrachd anns an sgoil.
Tha an GMB ag ràdh gum bi iad ann airson trèanadh seach teagasg.