Stòras Uibhist: Buaireadh, strì, call earbsa - ach dòchas fhathast

Iain Stephen Moireasdan
LeDòmhnall MacLaomainnagusDòmhnall PollockBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Thuirt fear a bha na chathraiche air Stòras Uibhist gu bheil feum air atharrachadh bunaiteach air structar is cultar na buidhne, ach gu bheil e comasach fhathast dhan uachdaran choimhearsnachd soirbheachadh.

Tha Iain Stephen Moireasdan air bruidhinn gu poblach mu shuidheachadh Stòras airson a' chiad uair bho dh'fhàg e a dhreuchd an-uiridh.

Thàinig beachd bhuaithe is sgaraidhean domhain eadar dà champa taobh a-staigh na buidhne air cron mòr a dhèanamh orra.

An t-seachdain seo, thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar gu bheil "iomagain mhòr" airsan mun troimh-chèile is gum bu chòir dha buill tighinn còmhla gus fuasgladh fhaighinn.

Aig an dearbh àm, tha bòrd Sealladh na Beinne Mòire - companaidh pàrant an uachdarain choimhearsnachd - ag ràdh gun dèan iadsan sgrùdadh a bheil iarrtas 'son coinneimh èiginn le baileat dìomhair na chois laghail is coileanta.

Bha an t-iarrtas air tighinn ann an ainm Chumhachd Ath-nuadhachail Uibhist a Deas (SURE), tè de na companaidhean a tha fo Shealladh na Beinne Mòire.

Ged a tha bòrd Sealladh na Beinne Mòire ag ràdh gu bheil iad a' coimhead ris an iarrtas, chuir iad cuideachd na molaidhean aca fhèin air adhart 'son deiligeadh ris an staing a th' ann.

Mhol iad bòrd neo-eisimeileach a stèidheachadh san ùine-ghoirid air am biodh uallach gus plana a thoirt air adhart a thaobh structar na buidhne a leasachadh is a dhèanamh nas proifeiseanta.

Leig Iain Stephen Moireasdan dheth a dhreuchd mar chathraiche Sealladh na Beinne Mòire tràth ann an 2025, dìreach ceithir mìosan às deidh dha an obair a ghabhail.

Tha e ag ràdh a-nise gu bheil e uabhasach duilich mu dheidhinn sin is gum bi e goirt dha a chaoidh, ach gun robh e a' faireachdainn nach robh dol às aige ach suidheachadh obrach fìor dhoirbh fhàgail.

"Tha mi ag aithneachadh gu bheil iarrtas làidir sa choimhearsnachd airson Stòras Uibhist nas fheàrr," thuirt e.

"Chuir mi mi fhìn air aghaidh le gealltainn na sgilean agus an t-eòlas agam a chur gu feum, nam b' urrainn dhomh, is chuir an t-uabhas de dhaoine taic rium.

"Tha mi duilich nach b'urrainn dhomh cumail orm na b' fhaide na rinn mi. Tha mi duilich gun do leig mi daoine sìos, ach bha mi ann an suidheachadh nach b' urrainn dhomh obrachadh ann agus b' fheudar dhomh mi-fhìn a thoirt a-mach às.

"Bidh sin a' cur dragh orm gu bràth".

Tha Mgr Moireasdan ag ràdh gu bheil e deatamach a-nise gun lorg Stòras Uibhist slighe a-mach às an staing anns a bheil iad agus gun toir iad a' choimhearsnachd leotha.

Bhon t-sealladh aige fhèin, tha e den bheachd gu bheil feum air "crathadh mòr" a thoirt air structar is dòighean-obrach na buidhne, structar a tha - na bheachd - ri choireachadh gu ìre airson a' bhùraich a th' ann.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Iain Stephen Moireasdan a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn air Aithris na Maidne

Tha e ag ràdh gu bheil suidheachaidhean air a bhith ann nuair nach do thuig stiùirichean na dleasdanasan a th' orra - rud a thog ceann ann an aithisgean neo-eisimileach mu Stòras an-uiridh - is gum bu chòir àite a bhith air a' bhòrd do dh'eòlaichean le eòlas is sgilean freagarrach, a thuilleadh air feadhainn a tha "air an tarrraing às a' choimhearsnachd".

Thuirt e gum biodh e comasach seo a dhèanamh gun guth na coimhearsnachd air a' bhòrd a lagachadh.

Gu dearbh, a thuilleadh air structar fhèin, 's ann a tha Mgr Moireasdan den bharail gu bheil feum air cruth atharrachadh air cultar Stòras Uibhist gus a' choimhearsnachd a thoirt a-steach barrachd.

"Tha seo air a bhith air thogail bho chionn bhliadhnaichean mòra, mòra - gu bheil Stòras Uibhist dùinte dheth," thuirt e.

"Chan eil iad a-riamh, cha mhòr, air a bhith math air conaltradh ris a' choimhearsnachd. Chan eil a' choimhearsnachd air a bhith air a' tarraing a-steach gu leòr ann a bhith a' dealbhachadh ro-innleachd na buidhne.

"Gabhaidh sinn uile dèanamh co-dhiù cò tha air a' bhòrd: tha e mu dheidhinn na dòigh a tha am bòrd agus an luchd-obrach aig Stòras Uibhist a' coimhead a-mach agus a bheil iad deònach iad fhèin fhosgladh suas gu daoine sa choimhearsnachd, daoine ann am buidhnean eile, agus obrachadh còmhla".

Ma 's e sin an t-slighe air adhart, tha feum sa chiad dol a-mach dèiligeadh ris an staing mhòr is easaonta a th' aig cridhe Stòras Uibhist.

Tha na tha air tachairt anns na làithean mu dheireadh air sealltainn às ùr gur e fìor dhùbhlan a tha sin.

Tha Mgr Moireasdan a' gabhail ris gu bheil cliù an uachdarain choimhearsnachd air fulang is gu bheil a' bhuil ann is daoine air earbsa a chall.

Molaidhean 'son atharrachadh ann an structar, dòigh-obrach is cultar ann no às, tha e fhèin den bheachd gur e a tha aig cridhe a' bhuairidh ach "daoine a' strì airson smachd fhaighinn air a' bhuidhinn".

Ach a dh'aindeoin na connspaid, mì-chinnt, droch fhaireachdainn is call dòchais ann an rud a bha còir bho thùs a bhith air ath-bheòthachadh na coimhearsnachd a chur ann an làmhan nan daoine, tha Mgr Moireasdan a' creidsinn fhathast gu bheil dòigh a-mach às is gun gabh na h-amasan a bh' ann aig toiseach gnothaich a choileanadh.

"Mi thig gnothach a' bhùird a chur ceart. Ma thig cultar Stòras Uibhist atharrachadh - agus 's e atharrachadh bunaiteach a tha dhìth is tha obair mhòr, mhòr a' dol a bhith an lùib sineach is bheir e ùine.

"Tha a' choimhearsnachd seo làn de dhaoine a tha mion-eòlach, tàlantach is beachdan math aca.

"Ma thig a h-uile sìon a tharraing còmhla, chan eil teagamh sam bith agamsa gum faod seo obrachadh".