BBC ALBA Clann a-niste air YouTube

- Air fhoillseachadh
Gheibhear prògram cloinne BBC ALBA a-niste air YouTube 's seanail ùr air a cur air bhog air an làraich an-diugh.
Thèid còrr is 1,000 bhideo a chur air an t-seanail, a tha mar phàirt de chompàirteachas fhoirmeil eadar am BBC agus YouTube, le amas prògraman a chraoladh far am bi clann a' coimhead barrachd is barrachd san là a th' ann.
Chaidh @BBCALBAClann, taobh a-muigh a chur air bhog le clàradh sònraichte gus sreath ùr den phrògram An Sgoil a chomharrachadh, aig tachartas ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Tha stuthan ann do gach aois, air an roinn ann liostaichean-cluiche a tha furasta a lorg agus a làimhseachadh: stuthan CBeebies ALBA do chloinn aois 3 gu 6 agus stuthan CBBC ALBA don fheadhainn a tha beagan nas sine aig 7-11 bliadhna a dh'aois.
Dhan fheadhainn as òige, lorgar stuthan a bheir taic le bhith ag ionnsachadh mu àireamhan, dathan is cumaidhean, a thuilleadh air òrain, sgeulachdan is rannan bho phreasantairean leithid Linda Nicleòid, Eilidh Nic a' Mhuilleir, Ruairidh MacCarmaig is Donnchadh Macleòid.
Tha na stuthan seo a' freagairt an dà chuid air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Roghainn eile
Dhan fheadhainn as sine, lorgar tòrr spòrs is fealla-dhà, deuchainnean saidheansail agus bhideothan le barrachd fiosrachaidh mu nàdar agus an saoghal mun cuairt oirnn bho phreasantairean leithid Bekah Nicleòid, Zach Ronan agus Emily Mhoireach.
A thuilleadh orra sin, bidh bhideothan ùra a' nochdadh gach seachdain agus bidh cothrom ann sreathan a chunnacas roimhe air BBC ALBA a choimhead.
"Cha robh e riamh cho cudromach stuthan meadhanan a tha sinn a' cruthachadh airson clann a bhith air an taisbeanadh air gach ùrlar leis an atharrachadh ann an cleachdaidhean agus fàs ann an làraich didseatach," thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheisean Gàidhlig a' BhBC.
"Leis an leasachadh ùr seo air YouTube thèid aig clann agus am pàrantan stuthan Gàidhlig a lorg agus an cleachdadh gu furasta, agus tha sinn an dùil is an dòchas gun toir seo mòran toileachais dhaibh."
Rinn a' Bh-Ph. Mhoireach soilleir gu bheil na dòighean sa bheil prògraman air a bhith rim faighinn do chloinn fhathast ann ge-tà, agus dragh air cuid de phàrantan mu shàbhailteachd na cloinne aca 's iad air-loidhne.
"Chan eil sinn a' cruthachadh àrainneachd nach eil sàbhailte. Tha a h-uile càil a bhios air an t-seanal a tha seo 's ann airson cloinne a bhios e a-mhàin," thuirt i.
"Mura h-eil pàrantan a' faireachdainn cinnteach mu dheidhinn seo, 's urrainn dhaibh a cheart uimhir de stuthan fhaicinn air iPlayer a' BhBC no air an t-seanal loidhneach a tha a' dol a-mach a h-uile oidhche agus na prògraman a bhios a' dol a-mach eadar 5:00f agus 7:00f.
"'S e roghainn a bharrachd a tha seo do phàrantan - chan eil sinn ga chur an àite rud sam bith."