Dùil ri breith cùirte mun phròiseas làrach àrd-sgoil ùr Mhuile a thaghadh

Tobair Mhoire, Muile Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cho-dhùin comhairlichean gur ann an Tobair Mhoire a bu chòir an t-àrd-sgoil ùr a bhith seach am meadhan Mhuile mar a bha cuid ag iarraidh

  • Air fhoillseachadh

Tha dùil ri co-dhùnadh Diciadain mu ath-sgrùdadh laghail air mar a chaidh làrach a chomharrachadh airson àrd-sgoil ùr ann am Muile.

Chaidh an t-ath-sgrùdadh iarraidh le luchd-strì a bha ag iarraidh gum bi an sgoil ùr am meadhan an eilein seach ann an Tobair Mhoire sa cheann a tuath.

Bha iad mì-thoilichte le co-dhùnadh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an sgoil ùr a thogail an Tobair Mhoire faisg air an tè a th' ann an-dràsta.

Tha i sin ro fhada air falbh do chloinn san Ros Mhuileach, agus feumaidh iadsan a dhol a dh'Àrd-sgoil an Òbain agus a' fuireach an sin tron t-seachdain.

Bhiodh sgoil ùr sa mheadhan a' ciallachadh gum faodadh iad foghlam fhaighinn air an eilean seach a bhith air falbh bho an dachaigh.

'S e argamaid an luchd-iomairt gu bheil co-dhùnadh na Comhairle an sgoil a chumail an Tobair Mhoire a' dol an aghaidh cunnradh an UN air còraichean chloinne agus còir air beatha teaghlaich.

Chuir pàrantan cuireadh do eòlaiche air a' chuspair, an t-Oll. Katie Boyle, thighinn a bhruidhinn riutha aig coinneimh oidhche Luain.

Thuirt i: "Feumaidh buidhnean poblach co-dhùnaidhean duilich a dhèanamh fad an t-siubhail agus feumaidh iad grunn rudan a chothromachadh.

"Ge-tà, feumaidh sibh measadh a dhèanamh an robh e riatanach, co-rèireach agus gun robh adhbhar sònraichte ann air a shon airson dearbhadh gu bheil e cothromach."

Tha Tracy Mayo, Cathraiche air Buidheann-obrach Làrach Mhuile, gun tug iad cuireadh don Oll. Boyle airson dèiligeadh ri cho gort 's a tha iad agus tuigse nas fheàrr fhaighinn air na thachair.

"Aig deireadh an là, tha mòran sa choimhearsnachd air a ràdh nan robh fios aca bho thoiseach gnothaich nach biodh campas am meadhan an eilein gum biodh e air a bhith mòran na b' fhasa," thuirt i.

Àrd-sgoil Mhuile ann an Tobair Mhoire Tùs an deilbh, GORDON HATTON/ GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha togalach na h-aon àrd-sgoile am Muile a th' ann an Tobair Mhoire an-dràsta ann an droch staid

Fhuair Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid maoineachadh ann an 2023 airson sgoil ùr a thogail an àite Àrd-sgoil Thobair Mhoire a tha ann an droch staid, far a bheil cuideachd bun-sgoil agus sgoil-àraich.

Chaidh grunn làraichean far am faodadh an sgoil ùr a bhith air a togail a chomharracahdh air feadh an eilein.

Bha cuid a' strì airson àrd-sgoil ùr am meadhan an eilein, agus bun-sgoil a chumail an Tobair Mhoire.

Ge-tà, thuirt a' Chomhairle gun cosgadh sin £12m a bharrachd dhaibh agus gun robh cunnart ann gun cailleadh iad maoineachadh a gheall Riaghaltas na h-Alba nan robh dàil a bharrachd ann.

Aig a' cheann thall, bhòt comhairlichean gun rachadh an sgoil ùr a stèidheachadh an Tobair Mhoire faisg air làrach na h-àrd-sgoile a th' ann an-dràsta.

Thòisich luchd-iomairt athchuinge agus thog iad fianais an aghaidh a' cho-dhùnaidh, agus chaidh a' chùis a dheasbad aig Holyrood.

Tha dùil ri breithneachadh air an ath-sgrùdadh laghail a dh'iarr iad Diciadain.

Cha dèan am britheamh co-chùnadh a thaobh càite am bu chòir an sgoil ùr a shuidheachadh, ach an do lean a' Chomhairle pròiseas laghail nuair a rinn iad an co-dhùnadh.