Deagh bhreab gus òigridh is na Poilis a thoirt còmhla anns na h-Eileanan Siar

Cuid de sgoilearan Sgoil MhicNeacail a ghabh pàirt san t-seisean leis na Poilis.
- Air fhoillseachadh
Chan eil an-còmhnaidh càirdeas uabhasach fhèin blàth ann eadar cuid de dhaoine òga is na Poilis.
Càirdeas a tha uaireannan co-dhiù stèidhichte, 's dòcha, air mì-thuigse is cion earbsa.
'S e sin a th' air cùl iomairt ùir ann an Leòdhas agus na Hearadh a tha ag amas air beachdan òigridh mu na Poilis atharrachadh is ceanglaichean ùra a thogail.
Chaidh 'Kick About with a Cop' a chruthachadh aig deireadh na bliadhna an-uiridh às dèidh dha luchd-obrach na buidhne Action for Children a bhith a' còmhradh ri Poileas Alba mu dhòighean airson adhartas a dhèanamh le òigridh.
'S e com-pàirteachas a th' ann eadar Action for Children, Poileas Alba agus Comhairle nan Eilean Siar.
"Tha sinn a' feuchainn ris a' bheàrn eadar clann is daoine òga is na Poilis a dhùnadh," thuirt Àrd-Inspeactair nan Eilean Siar, Ross McCartney - a tha e fhèin a' meantoradh sgoileir san sgìre.
Ged a tha an t-Àrd-Inspeactair McCartney ag ràdh gun robh iongnadh air cuid de na co-obraichean aige san stèisean nuair a dh'iarr e orra a dhol dhan sgoil 'son ball-coise a chluich, tha e coltach nach e ruith ach leum a th' aca a-nise - cuid aca fiù 's a' nochdadh nuair a tha iad air fòrladh no nuair nach eil iad ag obair.
Ach nas cudromaiche buileach, 's ann a tha e a' còrdadh gu mòr ris an òigridh.
"Tha e math," dh'innis Kerry aig Sgoil Sir E Scott dhomh.
"Cothrom math airson diofar bhliadhnaichean a bhith a' measgachadh ri chèile agus chan eil e mar cho-fharpais, tha e dìreach na chothrom math airson a bhith a' cluich agus a' measgachadh agus rud math airson a dhèanamh aig àm bìdh."

Kerry, sgoilear aig Sgoil Sir E Scott
A rèir Kerry, tha càirdeas air tighinn às leis na h-oifigearan nach robh ann roimhe is na sgoilearan glè chofhurtail leotha.
"Ma tha rud a' tachairt, tha fios agad air na h-ainmean a-nis agus ma tha feum agad air cuideachadh, faodaidh tu dìreach a dhol thuca agus bidh fios agad."
Tha an t-Àrd-Inspeactair McCartney fhèin ag ràdh gu bheil buaidh mhòr air a bhith aige seo mar-thà air dòigh-ghiùlain òigridh, agus feadhainn òga cuideachd nas mothachaile air a' bhuaidh a tha aig mì-mhodh air obair agus goireasan nam Poileas.
Tha na seiseanan fosgailte dhan a h-uile sgoilear agus iad a' gabhail àite aig àm-bìdh.
Tha duaisean ri fhaighinn aig gach seisean.
Cluicheadair na Seachdain - an neach leis an dòigh chluiche as fheàrr, le deagh oidhirp agus spèis dha na cluicheadairean eile
'Baller' na Seachdain - an neach le na sgilean ball-coise as fheàrr
Cluicheadair Poilis na Seachdain - dhan neach-poilis a chluich as fheàrr, a th' air an taghadh leis na sgoilearan
Gheibh na sgoilearan a bhuannaicheas gach seachdain duais luach £10 airson a chosg ann an gnothachasan ionadail a tha a' cumail taic ris an sgeama.

Thuirt Valerie Ruiseal, a tha na Manaidsear Chloinne aig Action for Children ann an Steòrnabhagh, gu bheil iad air leth toilichte le mar a tha a' dol dhan phròiseact agus iad air an dòigh glan fhaicinn gu bheil e air leudachadh gu sgoil Sir E Scott cuideachd.
Thuirt i gu bheil Action for Children riamh air a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le grunn bhuidhnean air feadh nan eilean 's gu bheil e glè chudromach dhaibh tighinn còmhla agus ionnsachadh bho chàch a-chèile.
"Tha sinn uile air diofar fhaicinn is tha e air beachdan atharrachadh," thuirt Valerie.
"'S dòcha gun robh beachd aig an fheadhainn òga air na Poilis is an obair aca.
"Leis mar a tha iad a' cluich ball-coise leotha gach seachdain tha e air buaidh a thoirt air mar a tha iadsan a' faicinn nam Poileas, agus uaireannan mar a tha na Poilis a' faicinn nan daoine òga cuideachd."
'S e PC Dòmhnall Steele Oifigear Poileas nan Sgoiltean anns na h-Eileanan.
Tha e fhèin am measg na tha e air a bhith a' cluich is tha e air diofar mòr fhaicinn.
"Bha 45 againn sa chiad sheachdain againn aig Sgoil Sir E Scott is tha e a' dol fìor mhath.
"Tha an òigridh a' tighinn a bhruidhinn rinn taobh a-muigh ar n-obair agus chì thu iad a' fàs nas misneachaile.
"Tha tòrr rudan math air tighinn às," thuirt e.
Kick About, tha e coltach, anns a bheil a h-uile cluicheadair a' buannachadh.