Naidheachdan 11:00m
Jesse Jackson
Tha luaidh ga dhèanamh air an Urramach Jesse Jackson a rinn strì mhòr airson còraichean sìobhalta sna Stàitean Aonaichte 's a chaochail na bu tràithe an-diugh. Bha e 84. Rugadh Jesse Jackson ann am bochdainn ann an Carolina a Deas agus chuir e seachad a' mhòr-chuid de a bheatha ag iomairt airson còraichean eaconomach agus poileataigeach do dh'Afraganaich-Aimeireaganach.
Cion cosnaidh
Dh'èirich cion cosnaidh beagan a-rithist dhan ìre as motha bho àm a' phandemic. Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh 5.2% de shluagh na Rìoghachd Aonaichte gun obair eadar an Dàmhair agus an Dùbhlachd an-uiridh. Bha àrdachadh beag an Alba cuideachd gu 3.8%, agus thuit àrdachadh pàighidh air a' bhliadhna dhan ìre as lugha ann am faisg air ceithear bliadhna.
Còmhraidhean sìthe
Thòisich an dàrna cuairt de chòmraidhean eadar na Stàitean Aonaichte agus Ioran ann an Geneva. Thuirt Ioran gun gabh iad ri aonta mun phrògram niùclasach aca cho fad 's gun tog na Stàitean Aonaichte na smachd-bhannan orra.
Sgrùdadh Epstein
Thuirt seann Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Hillary Clinton, gum bu chòir dhan a h-uile duine air an tèid iarraidh, Anndra Mountbatten-Windsor nam measg, fianais a thoirt do rannsachadh mu na ceanglaichean ris an eucoireach feise, Jeffrey Epstein. Tha an t-seann phrionnsa a' sior dhol às àicheadh gun do rinn e dad ceàrr.
Cìs-chomhairle
'S e àrdachadh 9.5% sa chis-chomhairle a bhios mu choinneamh nam ball aig Comhairle nan Eilean Siar nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain. Tha oifigich ag ràdh gun toireadh sin £1.5m a bharrachd dhaibh agus ged a tha beàrn cha mhòr £4.5m sa bhuidseat chan eil na h-oifigich a' moladh ghearraidhean cho domhain am-bliadhna 's a bh' ann an-uiridh.
Stailcean oilthighean
Thuirt Oilthigh Obar Dheathain gum faodadh iad cosnaidhean a ghearradh an aghaidh toil an luchd-obrach an dèidh do bhuill Aonadh nan Oilthighean agus Colaisdean bhòtadh airson stailce. Agus bhòt òraidichean aig Oilthigh Heriot Watt ann an Dùn Èideann airson stailce mu phlana airson cur às do 40 cosnadh air a' char as lugha.