Cunntasan Sealladh na Beinne Mòire air dheireadh

- Air fhoillseachadh
Dh'fhailich air Sealladh na Beinne Mòire, a' chompanaidh leis a bheil oighreachd coimhearsnachd Uibhist a Deas, na cunntasan aca suas gu deireadh 2024 a chur a-steach ann an tìde aig deireadh na bliadhna an-uiridh.
Nochd seo air an làraich aig Companies House.
B' e an 31mh den Dùbhlachd an ceann-là a bh' ann.
Tha connspaid air a bhith a' cuairteachadh Sealladh na Beinne Mòire thairis air na mìosan mu dheireadh.
Riaghladh uachdaran coimhearsnachd Uibhist "dìreach uabhasach"
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2025
Briseadh ann an riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd aig Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain 2025
Eòlaiche corporra ag obair aig Stòras Uibhist is iarrtas 'son EGM
- Air fhoillseachadh24 An t-Samhain 2025
Fhuair dà aithisg gun robh riaghladh an uachdarain choimhearsnachd "dìreach uabhasach", le mì-thuigse air dleastanasan, casaidean de bhurraidheachd, agus "cron nach gabh tomhas" air cliù na buidhne.
Thàinig na h-aithisgean sin bhon bhuidhinn Mentor aig Banca Rìoghail na h-Alba agus bho Roinn-ghnìomha na Slàinte 's na Sàbhailteachd.
Às dèidh dha aithisg Mentor tighinn am bàrr, thuirt Bòrd Sealladh na Beinne Moire gun robh iad "ag aithneachadh gu bheil gnothaichean riaghlaidh bho chionn ghoirid taobh a-staigh a' ghnothachais air droch bhuaidh a thoirt air a' bhuidhinn".
San t-Samhain thàinig e am bàrr gun deach eòlaiche corporra a thoirt a-steach na chomhairleach dhan bhuidhinn le cumhachdan riaghlaidh.