Naidheachdan 11:00m
Davos
Bruidhnidh an Ceann-Suidhe Trump ri Fòram Eaconamach na Cruinne ann an Davos an-diugh. Thuirt Mgr Trump an-raoir gun gabh aonta air choireigin dèanamh le dùthchannan NATO airson 's gun gabh na Stàitean Aonaichte smachd air a' Ghraonnlainn. Ach thuirt Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Ursula von der Leyen, an-diugh gu bheil an EU deiseil airson freagairt a thoirt do mhaoidheadh Mhaighstir Trump.
Ìre na h-atmhorachd
Dh'èirich an atmhorachd airson a' chiad uair bho shamhradh seo chaidh. Chaidh an ìre suas bho 3.2% san t-Samhain gu 3.4% san Dùbhlachd. Thuirt an Seansalair Rachel Reeves gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast mu chosgaisean bith-beò.
Casaidean feiseil
Chaidh tidsear ciùil, a tha ag obair do Chomhairle nan Eilean Siar, a leigeil ma sgaoil air urras an dèidh a bhith sa chùirt ann an Inbhir Nis Dihaoine seo chaidh fo Achd nan Eucoirean Feiseil. Chaidh Anndra Yearley, a tha 53 bliadhna de dh'aois, a chur an greim ann an Leòdhas Diardaoin seo chaidh agus cha do rinn e tagradh sam bith sa chùirt fo chasaid gu robh ìomhaighean mì-bheusach aige. Thuirt a' Chomhairle nach can iad dad an-dràsta ach gur aithne dhaibh mu rannsachadh nam poileas.
Sealg a' Ghuga
Beachdaichidh Pàrlamaid na h-Alba sna seachdainean ri tighinn am bu chòir athchuinge ag iarraidh stad sealg a' ghuga a chumail fosgailte agus a chur dhan ath-sheisean den phàrlamaid. Chuala Comataidh na Saoranachd agus nan Athchuingean Poblach aig Holyrood iarrtas an-diugh airson an athchuinge a dhùnadh leis gun tuirt Riaghaltas na h-Alba ron seo nach eil iad am beachd atharrachadh a thoirt air an Achd fom bheil sealg a' ghuga ceadaichte.
Buidseat na Comhairle
Tha ceannardan Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil dùbhlan romhpa le dearbhadh an dèidh buidseat na seachdain seo chaidh air na gheibh iad de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba. Aig an ìre seo, tha iad ag ràdh gum bi beàrn £4.1m ann air a' bhliadhna ionmhais ri tighinn agus, mu choinneamh sin, gum feum gearraidhean a bhith ann.
Tuath-Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich
Thathas ag iarraidh air Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh cead a thoirt do thuath-ghaoithe eile san Eilean Sgitheanach. Bhiodh naoi crainn, mu 150 meatair de dh'àirde, sa phròiseact eadar Baile Meadhanach san t-Sruthan agus an t-Aodann Bàn, sgìre sa bheil dà thuath-gaoithe mu thràth. Tha faisg air 200 tagradh ann an aghaidh a' phlana, agus seachd air a shon.