Dòmhnall Trump: nan robh e air barrachd aire a thoirt do a dhualchas Leòdhasach...

Dòmhnall Trump is e a' bruidhinn ris na meadhanan san Fhaoilleach 2026.Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Am biodh an saoghal anns an staing anns a bheil e an-diugh nan robh Dòmhnall Iain Trump air an t-sean-fhacal "lean gu dlùth ri cliù do shinnsire" ionnsachadh aig glùin a mhàthar Leòdhasaich?

Chan eil Leòdhasaich an là an-diugh – aig an taigh no air falbh – a' dèanamh mòran de cheangal a' Chinn-suidhe riutha. B' fheàrr leis a' chuid mhòir, a rèir choltais, gun dìochuimhnicheadh daoine an leithid.

Ach tha e an siud, agus feumar dèiligeadh leis.

Tha fuil Leòdhasach a' ruith gu tiugh ann an cuislean an duine a tha a-nis a' cur poileataigs eadar-nàiseanta an t-saoghail bun os cionn agus a' cur ceist mhòir ann an còraichean sluaigh.

Chan eil e a' gabhail ris gu bheil còir aig eileanaich à eilean eile, a' Ghraonlann, air an fhearann aca. Feumaidh iad, na bheachd-san, gèilleadh dhan uachdaran mhòr chumhachdach – na Stàitean Aonaichte agus esan air an ceann.

Carson? Uill dìreach seach (tha e a' smaoineachadh) gu bheil an cumhachd agus an neart sin aige, agus gu bheil e a' faicinn buannachd mhòir dha fhèin.

Dè a bhiodh seanair is sinn-seanair agus sinn-sinn-seanair Dhòmhnaill Iain air a dhèanamh den sin?

Oir 's ann a bha iadsan air taobh eile na cùise, air na daoine a dh'fhuiling nan eachdraidh bhon t-seòrsa feallsanachd a tha Mgr Trump a' cur an cèill an-diugh air druim an t-saoghail mhòir.

Màiri Anna NicLeòid aig an taigh ann an Leòdhas ann an 1926Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri Anna NicLeòid aig an taigh ann an Leòdhas ann an 1926

Thàinig màthair a' Chinn-suidhe, Màiri Anna NicLeoid, à baile beag Thunga ann an Leòdhas, far an do rugadh i ann an 1912.

Bha i air tè de na mìltean Leòdhasach a thug taobh eile a' Chuain Shiar orra air adhbharan eaconomach eadar an dà chogadh mhòr.

Bha cùisean doirbh anns an eilean anns na bliadhnaichean sin. Bhiodh Màiri Anna air fàs suas na h-ighinn òig a' cluinntinn agus a' faireachdainn bròn is cruadal tubaist na h-Iolaire.

Mun àm a ràinig i aois bha planaichean a' Mhorair Leverhulme airson eaconomaidh an eilein air a dhol mu sgaoil agus cha robh dòigh air beò-shlàint do na mìltean ach cùl a chur ri àite an àraich.

Aig an àm sin, b' e Canada a bu ghealltanaiche, seach tìr-mòr Bhreatainn mar a tha an-diugh.

Ach stad mòran de na thug Canada orra anns na Stàitean Aonaichte air a' cheann thall, oir b' e sin – ann am briathran bàrd Mhealboist Murchadh MacPhàrlain, a chaidh e fhèin air an dearbh shlighe – "tìr a' gheallaidh."

Bha naoinear ann an teaghlach Màiri Anna, 's cha robh dòigh a chumadh Leòdhas beatha riutha uile, mar a bha fìor do dh'iomadh teaghlach eile. Air a' cheann thall thug ochdnar den teaghlach taobh eile a' chuain mhòir orra.

Màiri Anna Trump còmhla ri Dòmhnall Trump is Melania Knauss, ris a bheile e a-nise pòsta.
Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Màiri Anna Trump sa bhliadhna 2000 còmhla ri Dòmhnall Trump is Melania Knauss, ris a bheile e a-nise pòsta.

Bha a piuthar Catrìona air a dhol a Chanada an toiseach, agus às an sin air gluasad a New York.

Nuair a thill Catrìona a Leòdhas air saor-làithean ann an 1930, thug i Màiri Anna, aois 18, leatha a-null a shireadh obrach. Phòs Màiri Anna Frederick Trump, 's bha Dòmhnall Iain aca.

Dè dh'ionnsaich i dhà mu na daoine bho an tàinig e ann an Leòdhas?

Chan eil fhios againn air freagairt na ceist sin, ach nan robh e air dad a thoirt leis de dh'eachdraidh nan daoine bhon tàinig ise, 's cinnteach gum biodh beachd eadar-dhealaichte aige air còraichean dhaoine, cruadal nan daoine beaga, agus ceartas a dhèanamh.

Tha dà thaobh teaghlach Màiri Anna a' dol air ais ginealaichean ann an Leòdhas, agus b' e daoine a bh' annta a dh'fhuiling aig làmhan an t-seallaidh air an t-saoghal a tha Dòmhnall Iain a' cur an cèill an-diugh.

Sgrùd an sloinnteir ainmeil Bill Lawson craobh an teaghlaich a' dol air ais dhan 19mh Linn, agus tha e follaiseach às na fhuair e gun robh iad air fulang aig làmh nan ain-tighearnan.

Air taobh màthar Màiri Anna bha teaghlaichean a dithis sheanairean agus a dithis sheanmhairean air fuadaichean fhulang. Chaidh Clann Mhic a' Ghobhainn fhuadachadh à ceann a deas nan Loch gu paraiste Steòrnabhaigh ann an 1826.

Dòmhnall Trump ann an Leòdhas ann an 2008
Fo-thiotal an deilbh,

Dòmhnall Trump ann an Leòdhas ann an 2008

Aig an àm sin, chaidh mòran theaghlaichean a ghluasad an aghaidh an toil 's an t-uachdaran ag iarraidh an fhearainn aca airson caoraich, agus 's ann gu sgìrean eile ann an Leòdhas anns nach robh fearann cho math a chaidh an cur.

Cha robh an t-uachdaran a' faicinn seachad air fheumalachdan eaconomach fhèin agus e a' fìreannachadh seo, coltach ris a h-uile h-uachdaran eile, mar rud a bha a dhìth airson saoghal ùr-nodha adhartach a chruthachadh.

Tha e doirbh gun gnè nan uachdaran, seach gnè na tuatha o an tàinig e, fhaicinn ann an dèanamh a' Chinn-suidhe Trump.

Ach ann an aon seadh, bha tòrr a bharrachd còir air taobh nan uachdaran sin na tha air taobh Mhgr Trump an-diugh. Bha còir laghail aig na h-uachdarain na thogradh iad a dhèanamh leis an fhearann a bhuineadh dhaibh, mura robh còir mhoralta.

Bha an lagh air taobh nan uachdaran, agus rinn iad a h-uile feum dheth.

Chan eil sin fhèin aig Mgr Trump airson a phlana smachd fhaighinn air fearann na Graonlainn, a dheòin no a dh'aindeoin an t-sluaigh an sin.

Daoine sa Ghraonlainn a' togail fianais an aghaidh phlanaichean a' Chinn-suidhe TrumpTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Daoine sa Ghraonlainn a' togail fianais an aghaidh phlanaichean a' Chinn-suidhe Trump

Tha prionnsabalan lagh eadar-nàiseanta a' daingneachadh tèarainteachd uachdranas dùthcha air an fhearann aice fhein.

Cha ghabh e, gu laghail, do dhuine uachdranas fhaighinn air fearann na Graonlainn gun làn-chead bhon Danmhairg agus bho shluagh na Graonlainn fhèin.

Tha fiù 's an Danmhairg ag aithneachadh nach eil uachdranas acasan air a' Ghraonlainn ach le toil muinntir an eilein, na Graonlannaich.

Fada bho bhith a' leantainn gu dlùth ri cliù a shinnsire, saoil nach ann a tha Dòmhnall Iain air a dhol na uachdaran thar nan uachdaran, le nas lugha shuim do chòraichean chàich na bh' aig Morair Shìophoirt no aig Sir Seumas MacMhathain a-riamh?