--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Trump: "Chan eil mi a' sireadh tuilleadh taic" | ||||||||||||||||||||||
Tha Dòmhnall Trump air a dhol as àicheadh gur ann gus tuilleadh taic a shireadh airson nam planaichean aige raon goilf a steidheachadh faisg air Obar Dheathain, a thadhal e air Leòdhas. Thuirt e na bu tràithe gum biodh e air ùl a chuir ris an iomairt aige gus raon mòr goilf a stèidheachadh faisg air Obar Dheathain mura b' ann à Alba a bha a mhàthair, nach maireann. Bhuinneadh a mhàthair, Màiri NicLeòid Thrump do dh'Àird Thong ann an Leòdhas, agus rinn i eilthireachd dha na Stàitean Aonaichte anns na 1930an. Air dha tadhal air taigh a mhàthar, chaidh e a dh'Obar Dheathain gus bruidhinn ri rannsachadh poblach mu na planaichean aige son an raoin ghoilf, air Oighreachd Menie, a chosgadh £1bn. Diùltadh A' bruidhinn ann an Steòrnabhagh, thuirt Mgr Trump: "Mur b'e gur ann à Alba a bha mo mhàthair, an robh mi air mo chùl a chur ris an làraich seo? Saoilidh mi gun robh. "'S e as coireach gun deach mi an sàs ann, an fhaireachdainn a th' agam do dh'Alba. "Mur b'e gur ann an Alba a rugadh mo mhàthair, cha robh mi air an gnothach a thòiseachadh," thuirt e. Dhearbh e cuideachd gun robh e gu bhith a' bruidhinn ri Comhairle nan Eilean Siar mu dheidhinn a bhith a' dèanamh obair leasachaidh air Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh. Mairidh an rannsachadh ann an Obar Dheathain, a dh' iarr ministearan Albannach, beagan mhìosan. Ghairm Riaghaltas na h-Alba na planaichean a-steach an-uiridh as dèidh mar a chaidh an diùltadh le comataidh aig Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain. Tha buidhnean àrainneachail agus luchd-strì ionadail air an sgeama a chàineadh, fhad 's a tha ceannardan gnìomhachais air an taic a chur ris. | |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||