--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Mì-thoileachas a-measg phàrantan Dhiùra | ||||||||||||||||||||||
Tha pàrantan ann an Diùra a' cumail an cuid cloinne far na sgoile is iad mì-thoilichte le staid rathad an A846. A-rèir nam pàrantan tha an rathad eadar Inbhir Lusa is Taigh na Creige làn thuill agus tha cunnart ann gun tuit craobhan air. Tha iad a' fàgail air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhoid gu bheil iad air ceann a tuath an eilein a threigsinn. Thuirt iad nach cuir iad an cuid cloinne dhan sgoil gus an dèan a' chomhairle sgrùdadh sàbhailteachd air an rathad. Thuirt dràibhear a' bhus, Ailig Dunnachie, gun robh e a' tuigsinn carson a bha iomagain air na pàrantan. Truagh "Is gann gun gabh a chreidsinn cho truagh sa tha an rathad seo. "Tha e mar gum biodh gu bheil thu a' dràibheadh ann an sgìre far a bheil cogadh", thuirt e. Dh'innis Mgr Dunnachie gu bheil e air £3000 a chosg air a' bhus a chàradh air sgath milleadh a rinn an rathad air. Thuirt e gu bheil craobhan nan laighe air an rathad is feadhainn eile an impis tuiteam. Thuirt BPA na sgìre, Michael Russell, gu bheil e air fios a chur air a' chomhairle grunn thursan mu staid an rathaid agus gum feum iad rudeiginn a dhèanamh mu dhèidhinn. | |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||