--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Ceistean mu Shionnach Cholbhasa | ||||||||||||||||||||||
Nochd ceist ann an Colbhasa air ciamar a thàinig sionnach marbh gu bhith san eilean. Chan eil sionnaich ann an Colbhasa. Chaidh a' chlosach a lorg ann an Sgalasaig le feadhainn a bha a' sgrùdadh an deach stèisean-smàlaidh an eilein a mhilleadh le droch shìde. Chan eil fios aig duine ciamar a thàinig sionnach a bhith ann an Colbhasa. Thuirt Oifigear an RSPB son Cholbhasa is Orasa, Mike Peacock, gur e suidheachadh neònach dha-rìribh a th'ann. "Math dh'fhaodte gun d'thàinig e an seo ann an làraidh an sgudail. "Tha mise den bheachd ge-tà gun d'thug cuideiginn a' chlosach an seo mar fealla-dhà", thuirt e. Dh'aidich Mgr Peacock ge-tà nach robh fianais sam bith aige gur e sin a thachair. | |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||