--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Dòmhnall Trump gus coimhead ri leasachadh Caisteil Leòdhais | ||||||||||||||||||||||
Coimheadaidh a' chompanaidh aig Dòmhnall Trump ri co-dhiù an tèid iad an sàs ann an obair leasachaidh air Caisteal Leòdhais. Thàinig an naidheachd as dèidh coinneimh a bh' aig an fhear-gnothaich ri Comhairle nan Eilean Siar ann an Leòdhas Diluain. Bha Mgr Trump a' tadhal air an eilean agus e air a shlighe a dh'Obar Dheathain, gus bruidhinn aig rannsachadh poblach mu a phlanaichean airson raon goilf a stèidheachadh tuath air a' bhaile. Ghabh Mgr Trump agus a chuid dhaoine ùidh mhòr ann an Caisteal Leòdhais, agus gheall iad gun toir iad co-dhiù sùil air na planaichean a tha san amharc airson a' chaisteil. Tha a' Chomhairle a' dol a dh'iarraidh a dh'aithghearr air grunn chompanaidhean coimhead ri buidheann phoblach/phrìobhaideach (PPP) a chur air dòigh gus an caisteal a leasachadh. Thuirt iad gun cuireadh iad fàilte mhòr air buidheann Thrump a bhith nam measg. | CEANGALAICHEAN IONADAIL Trump: "Chan eil mi a' sireadh tuilleadh taic"09 An t-Ògmhios, 2008 | Naidheachdan Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||