Tidsear ciùil à Eilean Leòdhais fo chasaidean eucoirean feiseil

Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Tùs an deilbh, RICHARD DORRELL / GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Nochd Mgr Yearley aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Dihaoine a chaidh

  • Air fhoillseachadh

Tha fear-teagaisg ciùil à Leòdhas air nochdadh sa chùirt ann an co-cheangal ri ìomhaighean drabasta a lorgadh aig dachaigh san eilean.

Chuir na poilis Anndra Yearley, 53, an grèim Diardaoin an 15mh den Fhaoilleach agus nochd e ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis an ath là.

Dhearbh Poileas Alba gun deach casaid a chur na aghaidh fo Achd Eucoirean Feiseil Alba.

Cha do rinn e tagradh sam bith agus chaidh a leigeil mu sgaoil air urras.

Ann am brath, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad mothachail gun robh sgrùdadh poilis a' leantainn agus nach b' urrainn dhaibh an còrr a ràdh aig an ìre seo.