£3.5m 'son alt-soithich aig cala domhain Steòrnabhaigh

Ìomhaigh choimpiutair de Chala Domhain SteòrnanbhaighTùs an deilbh, ÙGHDARRAS PUIRT STEÒRNABHAIGH
  • Air fhoillseachadh

Fhuair Ùghdarras Port Steòrnabhaigh £3.5m bho Bhanca In-ionmhais Nàiseanta na h-Alba airson alt-soithich ùr a thogail aig a' chala ùr dhomhain.

'S e seo a' chiad turas a tha am banca air airgead a chur an sàs anns na h-Eileanan Siar.

Tha an cala domhain ga leasachadh airson soithichean luchd-turais nas motha a làimhseachadh na tha comasach le cala a' bhaile fhèin, agus airson cuideachadh le leasachaidhean ath-nuadhachail.

Tha dùil gun cuir an t-alt ùr ri seasmhachd sheirbheisean aiseig an eilein, 's gum fàg e gur dòcha gun gabh seirbheis aiseig bathair a chur air dòigh.

"Tha am port taingeil airson taic a' bhanca, a leigeas leinn am bun-structair riatanach seo a thoirt gu buil," thuirt Àrd-Oifigear Port Steòrnabhaigh, Ailig MacLeòid.

"Tha an in-ionmhas seo a' cur ri àite a' phuirt aig cridhe nan Eilean Siar, a' dèanamh cinnteach gur e àite a th' ann far an soirbhich le daoine, gnothachasan agus coimhearsnachdan."

Tha an leasachadh cuideachd cudromach a thaobh a bhith a' toirt air adhart pròiseact SSEN airson càball ùr dealain a chur eadar Leòdhas gus tìr-mòr airson cumhachd ath-nuadhachail a chur ris a' ghriod nàiseanta.

Am measg nam pròiseactan eile a tha gan dèanamh aig a' phort tha leasachadh luach £7.2m ga thoirt air Rathad Àranais, le taic bho SSEN Transmission agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, airson an cala ùr domhain agus Gàradh Àranais a cheangal nas fheàrr ri siostam rathaid an eilein.

"Tha pàirt cudromach aig Cala Domhain Steòrnabhaigh ann a bhith a' fàs grunn ghnìomhachasan agus na h-eaconomaidh ionadail," thuirt Stiùiriche Banca In-ionmhais Nàiseanta na h-Alba, Laura Fidao.

"Tha am banca air obrachadh gu dlùth leis a' phort airson tuigse agus fuasgladh fhaighinn air dùbhlain maoineachaidh ri linn inbhe urrais a' phuirt.

"Fosglaidh an t-alt-soithich farsainneachd de chothroman ùra don phort agus don choimhearsnachd, a' toirt buannachd mhaireannaich do na h-Eileanan Siar."

'S e banca leasachaidh a th' ann am Banca In-ionmhais Nàiseanta na h-Alba, a chaidh a stèidheachadh airson airgead a chur an sàs ann am pròiseactan is gnothachasan le comasan toradh coimeirsealta agus buannachdan sòisealta a thoirt.