Maoin ùr ealain CnES ga deasbad is dùil gum fosgail i an ath-sheachdain

Taigh ChearsabhaghTùs an deilbh, Taigh Chearsabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Taigh Chearsabhagh an Uibhist am measg bhuidhnean ealain air feadh nan Eilean Siar a thog dragh mun bhuaidh a bhiodh orra nan cailleadh iad maoineachadh

  • Air fhoillseachadh

Thèid iarraidh air comhairlichean anns na h-Eileanan Siar an-diugh taic a chur ri modail ùr airson roinn nan ealan san sgìre a mhaoineachadh is fhosgladh an ath-sheachdain.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle na bu tràithe am-bliadhna le rabhadh bho bhuidhnean cruthachail gun robh na h-ealain "ann an cunnart" anns na h-Eileanan an Iar ri linn ghearraidhean a bha san amharc aig an ùghdarras ionadail.

Bha Comhairle nan Eilean Siar air co-dhùnadh bho chionn dà bhliadhna gun an tuilleadh maoineachaidh a thoirt do bhuidhnean ealain, ach gun tigeadh taic-airgid eadar-amail bho Stòras Oighreachd a' Chrùin 'son 2024/25 agus 2025/26.

Leis an taic sin gus tighinn gu ceann, thog buidhnean dragh mòr mun bhuaidh a bheireadh gearradh ann am maoineachadh orra.

Air a' cheann thall, dh'aontaich a' Chomhairle gun leanadh iad orra airgead a sgaoileadh bho stòras Oighreachd a' Chrùin.

'S ann fo mhodail ùr a bhios maoineachadh a' tighinn ge-tà, is aig na diofar bhuidhnean ealain ri tagradh a dhèanamh airson phròiseactan fa leth, seach maoineachadh coitcheann fhaighinn.

Bha na h-uimhir de mhì-thoileachas ann bho bhuidhnean ealain nuair a chaidh gabhail ris a' mholadh seo aig coinneimh buidseit na Comhairle.

Tha aithisg a tha a' dol air beulaibh Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich, taobh a-muigh an-diugh a' mìneachadh mar a dh'obraicheas a' mhaoin ùr.

Bidh £110,000 anns an stòras is bidh grantaichean eadar £5,000 is £30,000 ri fhaighinn.

Bidh e ceadaichte do bhuidhnean barrachd air aon tagradh a dhèanamh airson phròiseactan fa leth.

Tha an aithisg fhèin ag ràdh gum feumadh tagraidhean a bhith a' cur taic ri co-dhiù aon de na gnothaichean a leanas:

  • Na roinnean cruthachail

  • Na h-ealain is cultar

  • Gàidhlig

  • Dualchas

Thathar ag ràdh gu bheilear a' sùileachadh gum biodh mòran de na tagraidhean a' bualadh air barrachd na aonan dhiubh.

Bidh a' mhaoin fosgailte air-loidhne fad a' Ghiblein.

Às dèidh measadh a dhèanamh air na tagraidhean, thèid na tha air soirbheachadh a dhearbhadh ron 15mh den Chèitean.

'S e prìomh amas a' mhaoineachaidh, tha oifigich ag ràdh, pròiseactan às an tig buannachd eaconamach is buannachd coimhearsnachd.

Thathar ag ràdh cuideachd gum bithear ag amas air an sgeama a ruith ann an dòigh cho sìmplidh 's a ghabhas.

Thèid iarraidh air buill Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich an-diugh taic a chur ris a' mhodail ùr mhaoineachaidh.