HIE a' toirt còrr is £3m do Ghàrradh Àranais

- Air fhoillseachadh
Tha Buidheann Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air còrr air £3m not a chuir ri Gàrradh Àranais ann an Leòdhas.
Tha an gàrradh aig HIE air mhàl bho Urras Steòrnabhaigh agus tha pàirtean dheth air fho-mhàl aig companaidhean leithid Navantia UK. Sin pàirt den chompanaidh Spàinneach a tha ri obair sa ghàrradh an-dràsta.
Chuir HIE £2.05m ri pròiseact a tha Navantia UK a' dèanamh a leigeas leotha barrachd obair saothrachaidh a dhèanamh do ghnìomhachasan cumhachd far chladaichean.
Tha e coltach gun cuidich am maoineachadh seo le bhith frithealadh air margaidhean an-dràsta a thuilleadh air a bhith a' cruthachadh chothroman as ùr le leithid cumhachd gaoithe aig muir.
Thèid uidheamachd ùr a cheannach airson Àranais a leigeas le Navantia UK pròiseactan nas motha a làimhseachadh gu sgiobalta.
Tha mar thà uidheamachd roiligidh sònraichte sa ghàrradh a tha comasach air dèiligeadh ri obair gu math trom.
Tha dùil gun tig àrdachadh air na tha ag obair aig Navantia UK sa ghàrradh cuideachd - bho 150 gu 250 thar an ath 10 bliadhna.
Thèid £965,000 a chuir ri pròiseact a tha HIE fhèin a' ruith ro obair-togail.
Tha a' phròiseact leasachaidh seo ag amas air goireasan Àranais a neartachadh.
Tha HIE cuideachd a' cuir £4m a dh' ionnsaigh obair leasachaidh aig gàrradh togail Àird nan Saor, faisg air Inbhir Nis.
Tha iadsan cuideachd ag amas air obair an lùib thuathan-gaoithe aig muir a dhèanamh.
Buannachdan
Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis gun toireadh fàs mar seo buannachdan a Leòdhas agus chun na Gàidhealtachd.
Thuirt i gur e cumhachd gaoithe aig muir aon de na buannachdan eaconamach as motha a th' air a bhith aig Alba a-riamh.
Thuirt àrd-stiùiriche HIE Stuart Black: "Tha gàrradh Àranais a' faighinn buannachd air sgàth 's gu bheil iad ri taobh A' Chuain Shiar. Tha cuideachd cala domhainn ùr rin taobh. Tha iad ann an àite gu math iomchaidh gus cothrom a bhith aig companaidhean mar Navantia UK a bhith nam pàirt chudromach de bhith fàs cumhachd na gaoithe aig muir agus an gluasad gu net zero."
Thuirt HIE gun robh iad air còrr air £8.2millean a chuir an-sàs aig Àranais thar na mìosan mu dheireadh.
Chuir iad £3.4 millean a dh' ionnsaigh na h-obrach air Rathad Àranais anns an t-Samhainn agus £1.8millean aig toiseach 2026 airson pròiseact Cala Domhainn a Deas Ùghdarras Port Steòrnabhaigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh6 An Gearran 2025
