Eaglais Inbhir Aora ga reic: "Tha i mar dhàrna dachaigh dhuinn"

- Air fhoillseachadh
Tha bròn air bruaichean Loch Fìne agus Eaglais na h-Alba a' cur romhpa an togalach eachdraidheil aca ann am meadhan Inbhir Aora a reic.
Dh'fhosgail an eaglais ainmeil air a' Phrìomh Shràid ann am meadhan Inbhir Aora tràth san 19mh linn.
Tha i ainmeil a thaobh mar a chaidh a togail bho thùs le taobh Beurla agus taobh Gàidhlig – dà sheòmar fa leth le doras eadar-dhealaichte - gus frithealadh air an dà cho-thional san sgìre.
Bha seirbheisean Gàidhlig a' dol fhathast dar a ghluais Ethel NicChaluim a dh'Inbhir Aora ann an 1955.

Bha co-thional Gàidhlig fhathast ann an Inbhir Aora nuair a thàinig Ethel NicCaluim dhan bhaile an toiseach
"Bha seirbheis Ghàidhlig aca a h-uile cola-deug fon Urramach Dòmhnall MacCoinnich," dh'innis Ethel dhomh.
"Bha gu leòr a' dol innte. Bha daoine à Muile, Tiriodh is Ìle ag obair air an oighreachd."
Sguir na seirbheisean aig deireadh nan 50an agus chaidh an taobh Gàidhlig den eaglais a thionndadh gu bhith na thalla.
Mar a chaidh na bliadhnaichean air adhart, thuit cuideachd na bha a' dol dha na seirbheisean Beurla.
Bha e na bhristeadh-dùil do dh'Ethel nach deach strì a dhèanamh feuch an eaglais a chumail nuair a thàinig e am bàrr gun robh Eaglais na h-Alba an dùil a reic.
"Bha dùil 'am fhìn dh'fhaoidte gum biodh barrachd bruidhinn ann an Inbhir Aora gun robh an leithid de rud a' tachairt, ach chan eil mi a' cluinntinn guth.
"'S e tàmailt mhòr a th' ann."

Tha togalach Eaglais na h-Alba faisg air làimh san Fhùirneis mar-tha air a' mhargaidh
Bidh Ethel a' cluich an orgain aig an t-seirbheis Bheurla agus tha i a' cuideachadh gus seirbheis Ghàidhlig a chur air dòigh grunnan tursan sa bhliadhna, ged a bhios i sin ann an eaglais Cumlodden.
Tha an eaglais sin, beagan mhìltean air falbh san Fhùirneis, air a' mhargaidh mar-tha.
Leis mar a reic Eaglais na h-Alba an togalach a bh' aca ann an Loch Geàrr roimhe, chan fhada gus nach bi eaglais air fhàgail aca air taobh an iar Loch Fìne tuath air Ceann Loch Gilp.
Tha an Eaglais ag ràdh ge-tà, gu bheil planaichean aca 'son a bhith a' frithealadh air muinntir an àite.
Thuirt Stella Siddall, clàrc an t-seisein, gu bheil iad an dùil cumail a' dol le seirbheisean ann an tallaichean baile.
A thuilleadh air sin, dh'innis i gu bheil iad air bruidhinn ris an eaglais Easbaigaich gus an togalach acasan ann an Inbhir Aora ùisneachadh cuideachd.
Bidh aifreann aig an Eaglais Chaitligich san togalach sin gach Dòmhnach mar-tha.

Tha Alison Hay is Stella Siddall ag ràdh gu bheil mòran atharrachaidhean air a bhith san sgìre, ach gu bheil iad dòchasach fhathast mu shuidheachadh Eaglais na h-Alba
Thog leas-chlàrc an t-seisein, Alison Hay, air na dùbhlain ro Eaglais na h-Alba ann am Meadhan Earra-Ghàidheal.
Thuirt i gu bheil am paraiste air a lùghdachadh gu mòr is co-thionalan air fàs nas sine, a thuilleadh air gu bheil na togalaichean feumach air mòran obrach.
Tha dòchas ann ge-tà, tha i ag ràdh, gu bheil cothrom ann daoine ùra a thaladh a-steach ma thèid na seirbheisean a chumail ann an tallachan na sgìre.
Ged a tha an dòchas sin ann, tha mar a tha gnothaichean ag atharrachadh goirt do gu leòr.
Nam measg tha Ethel, a tha air a bhith a' frithealadh air eaglais àlainn Inbhir Aora cho fada.
"Tha e uabhasach duilich airson a' cho-thionail is gu sònraichte na seann daoine coltach rium fhìn.
"Tha meas mòr againn air an eaglais. Tha i mar dhàrna dachaigh dhuinn."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Giblean 2025

- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2025
