Bliadhna dhoirbh Alice Nic a' Mhaoilein

- Air fhoillseachadh
"Bha mi a' faireachdainn nach roch dòchas sam bith agam..."
Faclan Alice Nic a' Mhaoilein is i a' cuimhneachadh mar a bha i a' faireachdainn agus i a' faighinn a-mach mu thinneas gu math ainneamh a bha oirre.
Tha Alice air cliù, agus gu dearbha bonn òir aig a' Mhòd, a chosnadh airson a cuid seinn.
Dh'fhoillsich i clàr air a bheil "Àrach" aig deireadh na bliadhna an-uiridh agus tha i a' trèanadh mar thidsear.
Bhiodh siud gu leòr dhan mhòr-chuid againn, ach tha Alice cuideachd sa bhliadhna mu dheireadh air a bhith fo leigheas airson fàs na ceann.
Fhuair i a-mach aig deireadh 2024 gun robh rudeigin a' fàs agus a' toirt buaidh air a fradharc.
Gu fortanach, cha b' e aillse a bh' ann, ach tha e air a fàgail a-nise le tinneas air a bheil Acromegaly, taobh a-muigh, a tha dotairean an dùil a bhios oirre fad a beatha.

Bha Alice a' seinn air Cèilidh na Bliadhn' Ùire 2024 le a seanair, Seonaidh, agus a h-uncail, Calum Ailig
'S ann air an t-slighe a dh'Inbhir Narann airson Cèilidh na Bliadhn' Ùire aig deireadh 2024 a fhuair Alice fios mu fhàs na ceann.
Bha i air a bhith a' faireachdainn ceann goirt airson greis agus bha a fradharc air fàs na bu mhiosa thar ùine tro 2024, ach cha robh dotairean air sìon a lorg a bhiodh ag adhbharachadh nan trioblaidean.
Mu dheireadh, chaidh a dhearbhadh gun robh Macroadenoma Pituitary Tumor aice na ceann agus gum feumte a thoirt aiste tro obair-lannsa tro a sròin anns an Ògmhìos.
"Naidheachd mar sin fhaighinn gum feum thu lannsa fhaighinn air do cheann, agus faisg air d' eanchainn, cha robh sin idir, idir furasta agus bha e gu math, gu math duilich ormsa," dh'innis Alice.
"Tha mi a' smaoineachdainn gur e sin an t-adhbhar gun do chùm mi mi-fhèin cho trang a thaobh na sgoile agus a thaobh mo chiùil oir bha mi a' feuchainn ri m' aire a thoirt far an rud.
"Tha cuimhne agam fiù 's a bhith anns an ospadal agus a bhith a' dol sìos airson an lannsa a bha seo agus bha mi dìreach a' gal is a' gal oir chan eil fhios agad dè tha a' dol a thachairt, ge b' i dè bhios daoine eile ag ràdh, tha e nad cheann gu bheil rudeigin mòr gus tachairt agus chan eil fhios agad ciamar a bhios tu às dèidh làimhe.
"Feumaidh mi ràdh, bha sin gu math duilich."
Acromegaly
Cha b' e siud deireadh an sgeòil ge-tà, agus naidheachd dhuilich eile ri thighinn dhi.
"Bha fios agam gun robh cothrom ann gum faighinn tinneas eile bhon phituitary agus tha cuimhne agam a bhith a' coimhead suas na diofar rudan a dh'fhaodas tighinn còmhla ris agus bha feagal mo bheatha orm a bhith a' leughadh mu na diofar rudan.
"Bha Cushing's Disease, Tinneas an t-Siùcair agus cuideachd Acromegaly.
"Chan eil ach ceithir a-mach à millean duine ga fhaighinn gach bliadhna agus bha e ormsa.
"Tha mi a' smaoineachdainn gun tug sin buaidh na bu mhotha orm na thug naidheachd a' phituitary fhèin oir bha fios agam gun robh sin a' dol air adhart ach leis an Acromegaly, chan eil duine airson 's gu bheil na h-aodainnean aca a' fàs a-mach.
"'S e an aon shlànachadh airson an Acromegaly 's e an rud gu lèir a thoirt a-mach às do cheann agus mar sin bha mi a' faireachdainn nach roch dòchas sam bith agam.
"Tha e gu math duilich dhomh bruidhinn mu dheidhinn sin.
"Bha sin duilich cuideachd air mo mhàthair, bha ise aig an taigh còmhla rium agus ged a bha mi fhìn a' dèanamh a-mach gun robh mi ceart gu leòr, a' cumail a' dol leis an oilthigh, a' cumail a' dol leis a' cheòl, chan e sin idir mar a bha cùisean aig an taigh.
"Bha e gu math, gu math duilich orm."
An còmhradh slàn eadar Ailean MacLeòid agus Alice Nic a' Mhaoilein
A dh'aindeoin gach trioblaid is tionndaidh air an t-slighe aice tro 2025, bha aon rud cinnteach do dh'Alice - bha i airson an clàr aice fhaighinn a-mach dhan t-sluagh.
"Bha an clàr sin mar phutadh dhomh faighinn seachad air a h-uile càil.
"Thug sin misneachd dhomh. Ge b' i dè tha a' dol agad anns an t-saoghal, ma chuireas tu thu fhèin anns a' chiad àite, gheibh thu air càil sam bith a dhèanamh.
"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil seòrsa de shùil mhath agam air beatha a-nis. Chan eil agad ach aon bheatha, mar sin dèan na thogras tu, agus dèan gu math e."
Feallsanachd a bhiodh sin do mhòran, tha fhios, ach cha robh strì Alice air a cumail ris na trioblaidean slàinte no ris a' phròiseas a bhith a' foillseachadh clàr, chuir i neart cuideachd ann a bhith a' strì airson na Gàidhlig.
A' cumail na Gàidhlig beò
Tha Alice a' trèanadh a bhith na tidsear Ghàidhlig agus a' brosnachadh an ath ghinealaich de luchd-labhairt a' chànain agus tha sin follaiseach leis an òran aice 'A' Cumail na Gàidhlig Beò.'
"Thàinig an t-òran sin gu math luath thugam, thuirt Alice, a' cuimhneachadh air an oidhche a chaidh a sgrìobhadh.
"Chuir mi teachdaireachd dha m' uncail (Calum Ailig Mac a' Mhaoilein), ag ràdh gun robh mi seachd searbh sgìth a bhith a' cluinntinn daoine a cur sìos air a' Ghàidhlig.
"Thuirt e rium, 'Alice, nach sguir thu de ghearan mu dheidhinn agus dèan rudeigin mu dheidhinn.'"
Chan eil fhios an e siud an fhreagairt a bha Alice a' lorg, ach thug e spionnadh dhi an t-òran a chur air ais thuige taobh a-staigh leth-uair a thìde.
"Nach tog sibh àrd a bratach air a' chrann," sgrìobh Alice san òran, a tha cuideachd a-mach air blàr, fuadaichean agus strì nan Gàidheal.
Chan eil ceist gu bheil strì agus blàr air a bhith aig Alice sa bhliadhna mu dheireadh ach rinn i sabaid an aghaidh nan trioblaidean leis an aon neart agus a chuir i dhan cheòl, agus adhartas a dhèanamh anns gach dòigh.