Dùil ri co-dhùnadh air athchuinge nan gugannan

Sùlairean agus gugannan ann an Sùlasgeir
  • Air fhoillseachadh

Nì buill aig Holyrood co-dhùnadh an-diugh co-dhiù an dùin iad athchuinge a tha ag iarraidh casg air sealg a' ghuga.

Bidh sgioba à Nis ann an Leòdhas a' falbh a Shùlasgeir a h-uile foghar airson àireamh aontaichte de na sùlairean òga a mharbhadh 's a reic airson biadh.

Tha a' bhuidheann-iomairt Protect the Wild airson 's gun tèid an t-sealg thraidiseanta a chasg.

Cho-dhùin buill Comataidh na Saoranachd agus nan Athchuingean Poblach san Fhaoilleach an athchuinge a chumail fosgailte gus an dèante an co-dhùnadh seo.

Ma thèid a dùnadh, dh'fheumadh an luchd-iomairt cur a-steach às ùr an dèidh an taghaidh airson 's gum beachdaich an ath Phàrlamaid oirre.

Ach ma chumas iad fosgailte i, faodaidh daoine fhathast an ainmean a chur rithe, agus dheadh a cur air clàr-gnothaich na Pàrlamaid ùire.

Tha còrr air 100,000 duine air an ainm a chur ris an athchuinge aig an ìre seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo