Naidheachdan 11:00m
Stèisean Meadhan Ghlaschu
Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gu bheil iad an dòchas gun tèid timcheall air Stèisean Meadhan Ghlaschu fhosgladh uair eile an dèidh teine mhòr Là na Sàbaid. Tha an stèisean as trainge ann an Alba fhathast dùinte agus rannsachadh a' leantainn. Tha dùil ri troimhe-chèile air an rèile airson grunn làithean fhathast. Thuit mòran de thogalach ri taobh an stèisein chun na talmhainn ri linn an teine, le amharas ann gun do thòisich seo ann am bùth a bhiodh a' reic thoitean vape.
Prìs na h-Ola
Tha prìs na h-ola air a thighinn a-nuas an dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump a ràdh gun robh an cogadh le Iran "cha mhòr seachad". Cha tug e clàr-ama seachad ach thuirt e nach robh na Stàitean Aonaichte air "gu leòr a bhuannachadh fhathast". Thuit prìs baraille de dh'ola gu timcheall air $90, an dèidh cha mhòr $120 a ruighinn an-dè. Thuirt arm Iran gur iadsan a thigeadh gu co-dhùnadh mu cuin a thig an cogadh gu crìch.
Cuideachadh gu Bàs
Tòisichidh Buill-Phàrlamaid Albannach deasbad an-diugh air na h-atharrachaidhean mu dheireadh chun a' bhile airson bàs le taic aig Holyrood. Thèid beachdachadh air còrr air 300 atharrachadh chun a' bhile an t-seachdain seo mus tèid an deasbad agus bhòt mu dheireadh a chumail an ath Dhimàirt.
Am Post Rìoghail
Chaidh am Post Rìoghail às àicheadh gu bheil iad a' toirt prìomhachais do pharsailean seach litrichean, agus iad ag ràdh gun cuir iad plana an sàs mu mar a bheir iad piseach air an t-seirbheis a tha iad a' tabhainn. Bha seo an dèidh mar a dh'innis na ceudan de dhaoine dha Naidheachdan a' BhBC nach robh iad a' faighinn litrichean cudromach ann an ùine. Thuirt am Post Rìoghail nach robh e na phoileasaidh dhaibh a bhith a' toirt prìomhachais do pharsailean, agus gun robh iad a' dèanamh seo ann a cuid de dh'oifisean lìbhrigidh a-mhàin airson adhbharan sàbhailteachd.
Dùn Bhlàthain
Dh'innis athair nighinn a chaill a beatha san ionnsaigh aig Bun-Sgoil Dhùn Bhlàthain dhan BhBC nach eil an lagh mar a tha e an-dràsta a' dol fada gu leòr airson dèanamh cinnteach nach tachair càil de a leithid a-rithist. Tha 30 bliadhna ann bho chaidh nighean Mick North, Sophie, a mharbhadh còmhla ri 15 sgoilearan eile agus an tidsear aca. Lean seo gu casg air gunnaichean-làimhe san Rìoghachd Aonaichte. Ach tha e ag ràdh gu bheil beàrnan anns na laghan mu thimcheall ghunnaichean, agus iomagain air gum faod iad seo a bhith air an lagachadh.