Connspaid mu phlana 'son àitichean-fuirich turasachd san Àth Leathann

Dealbh bhon adhair air meadhan an Àth Leathainn agus pàirc a' bhuill-choise agus an sgoil Tùs an deilbh, ÀRAINN COIMHEARSNACHD CHEANN A DEAS AN EILEIN SGITHEANAICH
Fo-thiotal an deilbh,

Bhathas an dòchas pàirt de champas spòrs cheann a deas an Eilein Sgitheanaich a stèidheachadh air an talamh am meadhan a' bhaile

  • Air fhoillseachadh

Tha buidhnean coimhearsnachd san Àth Leathann ag iarraidh air comhairlichean gun cead a thoirt do phlana airson deich àitichean-còmhnaidh a thogail - ochd do luchd-turais agus a dhà do luchd-obrach.

Thèid pàipear air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath, taobh a-muigh aig Comhairle na Gàidhealtachd Diciadain le moladh bho oifigearan an ùghdarrais cead a thoirt don phlana aig Highland Heart Eta.

Tha Comhairle Coimhearsnachd an Àth Leathainn a' gearan gun deach am fearann a cheannaich a' chompanaidh a chomharrachadh am Plana Ionadail an Àth Leathainn is an t-Srath bho chionn dà bhliadhna airson ceannach leis a' choimhearsnachd.

Bhathas an dòchas pàirt de champas ùr foghlaim agus spòrs do cheann a deas an Eilein Sgitheanaich a stèidheachadh ann.

'S ann le Fearann Eilean Iarmainn a bha an talamh nuair a chaidh a chomharrachadh don choimhearsnachd sa phlana ionadail bho chionn dà bhliadhna.

Ged a bha coinneamh eadar manaidsearan na h-oighreachd agus riochdairean na coimhearsnachd às leth Campas Cheann a Deas an Eilein Sgitheanaich mun fhearann, chaidh a chur air a' mhargaidh fhosgailte.

Thuirt Hamish Friseal bho Chomhairle Coimhearsachd an Àth-Leathainn is an t-Srath: "Cha do ghabh an oighreachd, cha do ghabh a' chomhairle, cha do ghabh duine sam bith beachd air dè a' bhuannachd a bhiodh ann don choimhearsnachd.

"Mar sin, chan eil iad a' coimhead air adhart air dè is còir a bhith a' tachairt sa bhaile seo don òigridh san fharsaingeachd agus an òigridh a tha a' tighinn às ar dèidh."

Tha Fearann Eilean Iarmainn ag ràdh gun deach innse dha na riochdairean coimhearsnachd gun deach an talamh a chomharrachadh ann am Plana Taobh Siar na Gàidhealtachd airson leasachaidhean de sheòrsa eile.

Thuirt iad gun robh talamh eile san Àth Leathann a bhiodh a' freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd agus gun robh an cothrom sin fhathast fosgaile dhaibh.

Tha oifigearan planaidh ag ràdh nach eil adhbhar ann airson a bhith a' diùltadh an iarrtais aig Highland Heart.