"Tha eachdraidh gu math inntinneach le Gàidhlig ann"

Frances Mary DriscollTùs an deilbh, FRANCES MARY DRISCOLL
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Frances Mary Driscoll a thogail san dearbh sgìre far am bi i a' dèanamh a cuid rannsachaidh

LeEilidh NicLeòid
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Thòisich pròiseact aig Amar-snàimh Chnoc Bhaile a' Ghobhainn an Glaschu airson eachdraidh nan Gàidheal a bhiodh ga chleachdadh agus a bha a' fuireach san sgìre innse.

Tha an goireas air Frances Mary Driscoll fhastadh airson barrachd fhaighinn a-mach mu eachdraidh na coimhearsnachd Gàidhlig an Cnoc Bhaile a' Ghobhainn, Cnoc na Croise agus Tradeston

'S e sgìre air a bheil Frances Mary gu math eòlach oir thogadh i ann.

Thuirt i: '"S e cothrom air leth dhomhsa airson mo chuid Gàidhlig a chleachdadh ann an dreuchd gu math cruthachail agus inntinneach sa phàirt den bhaile far a bheil mo chridhe!"

Am broinn seann Amar-snàimh Choc Bhaile a' Ghobhainn
Fo-thiotal an deilbh,

Dhùin an t-amar-snàimh ann an 2001 an dèidh faisg air 100 bliadhna mar ghoireas phoblach

Tha i an dòchas a bhith ag obair le sgoilearan Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn cuideachd.

"Tha Gàidheil òga a' fàs suas agus tha e cudromach dhaibh gum bi iad ag ionnsachadh mun eachdraidh aca agus mun chultar aca sa bhaile mhòr," thuirt i.

Tha iad cuideachd airson ceanglaichean le sluaghan eile san sgìre a neartachadh - a' choimhearsnachd Èireannach agus Phagastànach nam measg.

Bùth ann an Cnoc Bhaile a' Ghobhainn ann an Glaschu. Tha postairean daiteach air na ballachan de mheasan agus glasraichTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha am pròiseact ag amas air ceanglaichean leis na diofar choimhearsnachdan san sgìre a neartachadh

Bidh sgeulachd nan Gàidheal mar phàirt de thasglann dhitseatach ùr a dh'innseas sgeulachd an luchd-imrich a rinn an dachaigh sa cheàrnaidh seo de Ghlaschu sna 100 bliadhna a dh'fhalbh.

Nam measg tha sgeulachd Seonag Dhòmhnallaich a bha ag obair a' càradh bhusaichean ann am bus-lann aig bonn Shràid Bhictòria.

Tha iad airson sgeulachdan na daoine "a bha a' cleachdadh Gàidhlig bho là gu là ann an diofar phàirtean den bhaile".

"Tha eachdraidh gu math inntinneach le Gàidhlig ann," thuirt Frances Mary.

"Tha sinn gu math eòlach air àitichean mar Phartaig agus Cnoc Màiri far an robh tòrr luchd-Gàidhlig ann ach tha pìosan eile den bhaile a tha a cheart cho inntinneach."

Ìomhaigh neach-ealain air cò ris a bhios an t-amar-snàimh ùr an Cnoc Bhaile a' Ghobhainn coltachTùs an deilbh, HALL BLACK AND DOUGLAS
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar ag amas air airgead gu leòr a thogail airson an t-amar-snàimh mòr fhosgladh don phoball uair eile

Dh'fhosgail Amar-snàimh Chnoc Bhaile a' Ghobhainn an ceann a deas Ghlaschu ann an 1914.

Chaidh a dhùnadh le Comhairle Bhaile Ghlaschu ann an 2001, ach chaidh fhosgladh às ùr ann an 2013 an dèidh iomairt mhòr sa choimhearsnachd airson a ghlèidheadh mar ionad slàinte phoblach.

Tha Urras Coimhearsnachd Amar-snàimh Chnoc Bhaile a' Ghobhainn air £1.2m fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta agus £500,000 bho Alba Eachdraidheil airson an togalach a dhèanamh dìonach uair eile.

Tha iad ag ràdh gu bheil £5m fhathast a dhìth orra airson an obair leasachaidh na bhroinn a bu mhiann leotha a dhèanamh.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair gu cruaidh airson an t-airgead sin a thogail.