Deugaire san ospadal an dèidh tubaist air an A82 faisg air a' Ghearasdan

- Air fhoillseachadh
Chaidh deugaire a ghoirteachadh ann an tubaist air an A82 faisg air a' Ghearasdan oidhche Dhiardaoin.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu làrach na tubaist anns an robh carbad Audi SQ2 agus neach-coiseachd an sàs mu 7:40f.
Chaidh nighean, aois 16, a thoirt gu Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan agus i air a droch leòn ach chan eil i ann an cunnart a beatha.
Bha an rathad dùinte fad trì uairean de thìde.
Thuirt na poilis gu bheil iad fhathast a' rannsachadh na cùise.
Thuirt an Seardsaint Ewan Calder gun robh na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair no aig an robh dealbhan dashcam tighinn air adhart a bhruidhinn riutha.
Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh gu na poilis air 101.
'S e àireamh an tachartais 3169 bhon 5mh den Mhàrt 2026.