Naidheachdan 11:00m
Amharas ceannairc
Tha ceathrar an greim aig poilis ann an Lunnainn fo amharas mu cheannairc co-cheangailte ri Ioran. Tha iad uile fo amharas gun robh iad a' toirt fiosrachaidh do dh'Ioran mu choimhearsnachd Iùdhach Lunnainn. Buinidh fear dhiubh do dh'Ioran agus 's e Breatannaich Ioràinianach a th'anns an triùir eile.
Cogadh Iorain
Tha na Stàitean Aonaichte agus Israel ag ràdh gu bheil iad a' gluasad gu ìre eile sa chogadh an aghaidh Iorain an dèidh sreath ionnsaighean eile tron oidhche. Tha aithrisean a' tighinn à Tehran gur i a-raoir an oidhche a bu mhiosa fhathast. Fhreagair Ioran le ionnsaighean air Israel agus dh'innis Qatar, Bahrain agus Saudi Arabia gun do chuir iad stad air urchairean Ioràinianach.
NHS na Gàidhealtachd
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag obair gu dlùth air proifeiseantaich agus air teaghlaichean airson na seirbheisean cùraim as fheàrr a thoirt seachad. Tha sin dèidh do bhoireannach às a' Ghearasdan, air am bheil pairilis chearbach, innse gu bheil ise air a bhith còig mìosan ann an taigh-cùraim ann an Inbhir Narann a' feitheamh ri faighinn dhachaigh. Bha Iona Ghrannd, 29, san ospadal airson ùine ghoirid san Dàmhair an-uiridh agus chaidh innse dhi nach robh pasgan cùraim ann dhi tuilleadh agus mar sin nach b' urrainn dhi tilleadh dha a dachaigh sa Ghearasdan. Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach can iad dad mu chùisean fa leth den t-seòrsa sin.
Buidseatan nan comhairlean
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tug iad buidseat cothromach dhan a h-uile h-ùghdarras ionadail am-bliadhna. Tha cha mhòr a h-uile ùghdarras air cìs na comhairle aontachadh a-niste agus tha iad uile os cionn ìre na h-atmhorachd agus feadhainn le àrdachadh suas ri 10% airson na dàrna bliadhna.
Tachartas air an A82
Tha poilis a' rannsachadh tachartais sa Ghearasdan a dh'fhàg nighean, 16, air a droch leòn ann an Ospadal a' Bhelford. Bhuail càr sa nighinn air rathad an A82 mu 19:40f a-raoir. Bha an rathad dùinte fad uairean de thìde.