A bheil am bus seo a' dol gu...? Gàidhlig ga brosnachadh air na busaichean

Fionnlagh Lawson bho Sgioba na Gàidhlig a' faighinn ticeid sa Ghàidhlig Tùs an deilbh, AN TAIGH CÈILIDH
Fo-thiotal an deilbh,

Fionnlagh Lawson bho Sgioba na Gàidhlig a' faighinn ticeid sa Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh

Tha draibhearan bhusaichean poblach sna h-Eileanan a' gabhail pàirt ann an iomairt ùr gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh, cleas mar a tha draibhearan tagsaidh na sgìre.

Chì luchd-siubhail a bheil Gàidhlig aca agus soidhnichean follaiseach gu bhith orra fhèin agus air na busaichean aca.

'S e co-obrachadh mì-fhoirmeil a th' anns an iomairt eadar An Taigh Cèilidh, Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar agus na companaidhean bus.

Dh'òrdaich an Dr Teàrlach Wilson, Àrd-oifigear An Taigh Cèilidh baidsean agus steigearan bho Bhòrd na Gàidhlig air a bheil sgrìobhte 'Cleachd i'.

Bha seo an dèidh do dhraibhear bus thighinn a-steach dhan chafe Ghàidhlig a' faighneachd an robh an leithid aca dìreach mus do thòisich Seachdain na Gàidhlig.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Draibhear bus taobh a-muigh a' bus aige a' cur a chorraig air soidhne a tha ag innse gu bheil Gàidhlig aige , Tha Gàidhlig agamsa!

Thuirt an Dr Wilson: "Bha draibhearan nam busaichean airson a bhith mar phàirt dheth, agus airson sealltainn don phoball gum faod iad a' Ghàidhlig a chleachdadh air na busaichean cho math ri sna tagsaidhean!"

Thòisich a' chomhairle iomairt bho chionn ghoirid airson draibhearan tagsaidh aig a bheil a' Ghàidhlig a mhisneachadh a bruidhinn leis an fheadhainn dha bheil iad a' toirt còmhdhail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo